Union List of Artist Names
'S e stòr-dàta ainmean nan luchd-ealain a tha anns an Union List of Artist Names.
Chaidh a chruthachadh leis an Urras J. Paul Getty ann an 1984. Tha e a' clàradh:
- luchd-ealain
- buidheannan corporra
- daoine cudromach nach robh nan luchd-ealain, m.e. tabhairtearan is cùl-taicean
- daoine neo-aithnichte a-rèir cultair.[1]
Tha e cuideachd ri fhaighinn mar Dàta Fosgailte Ceangailte[2] is ga chleachdadh le siostam smachd an ùghdarrais aig Uicipeid.
Iomraidhean
- “About the ULAN”. Institiud Rannsachaidh Getty. Air a thogail 2na dhen Mhàrt 2018.
- “Getty Vocabularies as LOD”. Institiud Rannsachaidh Getty. Air a thogail 2na dhen Mhàrt 2018.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.