Suòmaidh
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Suòmaidh[1][2][3] neo An Fhionnlann.[1][4][5][6] Tha i suidhichte ann an Lochlainn eadar an t-Suain agus an Ruis, tha Nirribhidh san taobh tuath dhith. Tha Helsinki na prìomh-bhaile. Tha eileanan beaga ann ris an canar Åland. Tha iad nan stàit saor ann an Suòmaidh.

Tha na Sàimi, sluagh tùsanach, a' fuireach ann.
Tha Fionnlannais, Suainis, agus Sàmais air am bruidhinn anns an dùthaich.
Eachdraidh
Bhuineadh Suòmaidh don t-Suain eadar 1154 is 1809. An uair sin, bha i ceangailte mar dhiùcachd ris an Ruis. Ghabh i saorsa ann an 1917.
Ged a tha Suòmaidh neo-phàirteach bho neo-eisimeileachd, rinn i tagradh foirmeil airson ballrachd NATO còmhla ris an Suain ann an 2022 an dèidh dhan an Ruis a dh'ionnsaigh an Ucràin.[7]
Ceanglaichean a-mach
- The Finnish Government – Duilleag oifigeil Riaghaltas Shuòmaidh
- Visit Finland – Duilleag oifigeil - Turasachd, bhon Ionad turasachd
Iomraidhean
- “Finland/An Fhionnlann, Suòmaidh, Poblachd na Fionnlainn”. Am Faclair Beag. Air a thogail 11mh dhen Dàmhair 2017.
- Cox, Richard A.V. (1991): Brìgh nam Facal: Faclair Ùr don Bhun-sgoil. Glaschu: Roinn nan Cànan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu. ISBN 9780903204217.
- Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- “Finland/Fionnlainn, Poblachd Fhionnlainn”. An Seotal. Air a thogail 11mh dhen Dàmhair 2017.
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Chèitean 2022. Air a thogail 18mh dhen Chèitean 2022.
- Geonames
Tùsan
- Ruaraidh MacThòmais. "Sùil air Suòmi." Gairm 124, Am Foghar 1983.