Richard Fred Heck
B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an Richard Fred Heck.
Richard Fred Heck | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Ainm slàn | Richard Fred Heck |
Breith | Springfield, 15 dhen Lùnastal 1931 |
Dùthaich |
![]() |
Àite-fuirich |
Quezon City (en) ![]() |
Bàs | Manila, 9 dhen Dàmhair 2015 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh California, Los Angeles University of Delaware (en) ![]() |
Àrd-fhoghlam | ollamh |
Stiùiriche an teusais |
Saul Winstein (en) ![]() |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear agus rannsaichear |
Fastaichean |
University of Delaware (en) ![]() De La Salle University (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Tha e ainmeil airson an iom-obrachadh Heck.
Beatha
Rugadh e ann am Massachusetts is bha e na oileanach ann an Oilthigh Chalafòrnia, Los Angeles far an do sgrìobh e an tràchdas aige fo Saul Winstein.
Dh'obraich e agus thionnsgail e cuplachadh catailiseach aig Hercules, companaidh ann am Wilmington, Delaware gu ruige 1971, nuair a chaidh e na ollamh ann an Oilthigh Dhelaware.
Urraman
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2010 còmhla ri Ei-ichi Negishi agus Akira Suzuki airson tar-chuplachaidh le catailis aig paladium ann an co-thàthadh fhàs-bheartach.[1]
Iomraidhean
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.