Na h-Innseachan

'S e dùthaich ann an Àisia a tha anns na h-Innseachan[1][2][3][4] neo na h-Innsean.[5][6][7] Tha crìochan aice san ear le Bangladais is Mianmar, san ear-thuath le Sìona, Neapàl is Butàn agus san iar le Pagastàn.

Chaidh na h-Innseachan a stèidheachadh mar nàisean neo-eisimeil ann an 1947 (bha iad nan colonaidh Rìoghachd Bhreatainn Mòr.) Aig an aon àm, bha aimhreit chràbhach mòr; chaidh eadar 200,000 is 2,000,000 a bàs.[8][9][10] Sgar Pagastàn (gu mòr Muslamach) is na h-Innseachan (gu mòr Hionduthach). Chaidh faisg air 14 millean duine Hionduthach, Sikheach is Muslamach nam fògarrach; b' e an imrich as motha ann an eachdraidh na daoine.[11][12][13]

Tha iomadh sluagh, cultar, cànan is nàisean ann, agus tha creideamhan gu leòr ann. 'S e Hocaidh am spòrs nàiseanta a tha anns na h-Innseachan. 'S e an tigear Bengal am beathach nàiseanta, 's e a’ pheucaig an t-eun nàiseanta agus 's e an lotus am flùr nàiseanta. Tha an Hionduthachd uabhasach làidir anns na h-Innseachan.

Tha Hindi na cànan oifigeil nan Innseachan a-rèir na Bun-reachd[14] agus tha a' Bhun-reachd a' moladh Sanskrit mar thùs airson briathrachais ùir. Tha 22 cànain oifigeil air fad anns an 8mh Clàr aig a' Bhun-reachd.[15]

Stàitean nan Innseachan agus Ranntairean an Aonaidh[16]

Stàit Prìomh-bhaile
Andhra Pradesh Amaravati
Arunachal Pradesh Itanagar
Assam Dispur
Bengal an Iar Kolkata
Bihar Patna
Chhattisgarh Raipur
Goa Panaji
Gujarat Gandhinagar
Haryana Chandigarh
Himachal Pradesh Shimla
Jharkand Ranchi
Karnataka Bangalore
Kerala Thiruvananthapuram
Madhya Pradesh Bhopal
Maharashtra Mumbai
Manipur Imphal
Meghalaya Shillong
Mizoram Aizawl
Nagaland Kohima
Odisha Bhubaneshwar
Punjab Chandigarh
Rajasthan Jaipur
Sikkim Gangtok
Tamil Nadu Chennai
Telangana Hyderabad
Tripura Agartala
Uttarakhand Dehradun
Uttar Pradesh Lucknow
Ranntair an Aonaidh Prìomh-bhaile
Chandigarh Chandigarh
Dadra agus Nagar Haveli agus Daman is Diu Daman
Delhi Delhi fhèin
Na h-Eileanan Andaman agus Nicobar Port Blair
Jammu agus Kashmir[17] Srinagar (samhradh), Jammu (geamhradh)
Ladakh Leh
Lakshadweep Kavaratti
Puducherry Puducherry

Prìomh-mhinistearan nan Innseachan

Cinn-là Prìomh-mhinistear Pàrtaidh poileataigeach
1947–1964 Jawaharlal Nehru Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan
1964–1966 Lal Bahadur Shastri Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan
1966–1977 Indira Gandhi Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan
1977–1979 Morarji Desai Pàrtaidh Janata
1979–1980 Charan Singh Pàrtaidh Janata (neo-eaglaiseach)
1980–1984 Indira Gandhi Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan (I)
1984–1989 Rajiv Gandhi Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan (I)
1989–1990 Vishwanath Pratap Singh Janata Dal
1990–1991 Chandra Shekhar Janata Dal (Rashtriya)
1991–1996 P. V. Narasimha Rao Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan (I)
1996 Atal Bihari Vajpayee Pàrtaidh Bharatiya Janta
1996–1997 H. D. Deve Gowda Janata Dal (Fronta Aonaichte)
1997–1998 Inder Kumar Gujral Janata Dal (Fronta Aonaichte)
1998–2004 Atal Behari Vajpayee Pàrtaidh Bharatiya Janta (NDA)
2004–2014 Manmohan Singh Mòr-dhàil Nàiseanta nan Innseachan (UDA)
2014– Narendra Modi Pàrtaidh Bharatiya Janta (NDA)

Dealbhan

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
  5. The Collected Poems and Songs of George Campbell Hay
  6. An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse.
  7. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  8. D'Costa, Bina (2011): Nationbuilding, Gender and War Crimes in South Asia. Routledge, td. 53. ISBN 9780415565660. 
  9. Butalia, Urvashi (2000): The Other Side of Silence: Voices From the Partition of India. Duke University Press. 
  10. Sikand, Yoginder (2004): Muslims in India Since 1947: Islamic Perspectives on Inter-Faith Relations. Routledge, td. 5. ISBN 9781134378258. 
  11. Rupture in South Asia”. UNHCR. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2014 (PDF).
  12. Bates, Crispin (3s dhen Mhàrt 2011): The Hidden Story of Partition and its Legacies”. BBC. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2014.
  13. Basu, Tanya (15mh dhen Lùnasdal 2014): The Fading Memory of South Asia's Partition”. The Atlantic. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2014.
  14. PART XVII OFFICIAL LANGUAGE”. Bun-reachd nan Innseachan. Riaghaltas nan Innseachan. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2023 (pdf).
  15. Constitutional provisions relating to Eighth Schedule”. Riaghaltas nan Innseachan. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2023.
  16. States Uts”. Know India: National Portal of India. Riaghaltas nan Innseachan. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2023.
  17. Tha tagraidhean air an ranntair seo aig Pagastan agus Sìona cuideachd. Faic Kashmir profile”, BBC News. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2023. 

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.