Na h-Eileanan Samhraidh

'S e buidhean de eileanan a tha anns Na h-Eileanan Samhraidh (IPA: [nə ˈhelanən ˈs̪ãũrɪ], Beurla: Summer Isles). Tha iad suidhichte ann an inbhir Loch Bhraoin.

Sealladh air na h-Eileanan Samhraidh bho Bheinn Mhòir Choigaich

'S e Tannara Mhòr an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Samhraidh. Chan eil duine a' fuireach anns na h-Eileanan Samhraidh ach ann an Tannara Mòr a-mhàin.

Tha iad nam pàirt den "National Scenic Area".

Tha bàtaichean a’ dol eadar Tannara Mhòr agus Aichillidh Bhuidhe, a tha mu 2.5 km (1½ mìle) air falbh air tìr–mòr Alba.

Na h-Eileanan beaga

Litreachas

  • Sgrìobh Ian R. MacLeod nobhail leis an tiotal: The Summer Isles (foillsichte le Aio, ISBN 1-933083-00-X). [1]

Iomraidhean

  1. Leabhar: The Summer Isles

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NB 987 075
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.