Murcia
’S e baile meadhanach faisg air Alacant air an àirde an ear-dheas na Spàinne a th’ ann am Murcia (IPA: murθja). Tha e suidhichte aig 61m os cionn ìre na mara,[1] 350km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 472km bho Bharcelona.[2] Tha 439,889 duine a’ fuireach ann am Murcia.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Mhurcia a th’ann cuideachd.
Murcia
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 38° 00' 07' Tuath 01° 10' 15' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 885 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 439,889 (2009) | ||||
Dlùths | 497.05/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 975 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Freumhan an ainm
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd a' bhaile idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann an Laideann fo riochd Arabais.[4] Tha a h-uile coltas ann gur ann à myrtus (Gàidhlig: miortal) a tha e.[5] Tha cuid eile a' cantainn gur ann à Myrtea no Murtea (Gàidhlig: miortlach) a tha an t-ainm. Thuirt Gaius Plinius gu robh miortlach mòran na bu chumanta an seo na ann an àite sam bi eile san Spàinn.
Cruinn-eòlas
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Murcia.[7] Cha thuit ach 297mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 870mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[8] - leis gur e àite tiomarm a th' ann.
.png.webp)
Bailtean Co-cheangailte
Grasse[9]
Iomraidhean
- Aemet
- Distance Calculator
- Cunntas-sluaigh na Spàinne
- La Verdad
- Discursos Histórico de la Muy Noble y Muy Leal Ciudad de Murcia, Francisco Cascales Editorial MAXTOR, 2007
- Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- Aemet
- Oifis na Sìde
- Femp