Loch Carrann

Is dòcha gu bheil sibh a' lorg a' bhaile Tòrr nan Clàr neo Carrann eile

Sealladh air Loch Carrann
Loch Carrann
Suidheachadh Loch Carrann air a' Ghàidhealtachd

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Carrann (Beurla: Loch Carron).[1] 'S e loch-mara a th' ann. Tha e suidhichte air costa Taobh Siar Rois, far a bheil Abhainn Carrann a' sruthadh don Chuan Siar. Tha Loch Dùghaill san iar-thuath dheth.

Tha na bailtean Kirkton, Tòrr nan Clàr is Stromemore suidhichte air taobh an iar-thuath Loch Carrainn. Eadar Achadh an t-Sìthidh is Port an t-Sròim tha an A890 a' ruith air bruach a deas an locha, far a bheil na bailtean Atadal is Aird an Arbha nan laighe cuideachd. Chaidh an rathad a thogail ann an 1979.[2] Tha an rathad-iarrainn Kyle of Lochalsh Line a' dol seachad air taobh deas Loch Carrainn, tha stèiseanan ann an Atadal, Port an t-Sròin, Dùn Creige agus am Ploc.

Faic cuideachd

Iomraidhean

  1. Stòr-dàta Briathrachais
  2. Undiscovered Scotland

Ceanglaichean a-mach

Dealbhan

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.