Haiti

'S e an dàrna pàirt den eilean Hispaniola a tha anns an dùthaich Haidhti, Heitidh[1] no Haiti[2] (IPA: ˈhaiːti ). Mar sin dheth tha crìoch aice le Poblachd Dhoiminicia. Tha i na laighe anns na Greater Antilles anns a’ Mhuir Chairibianach. Tha Haiti a’ gabhail a-steach grunn eileanan beaga, m.e.:

  • La Gonâve
  • La Tortue (Tortuga),
  • Les Cayemites
  • Île de Anacaona
  • La Grande Caye.

Eachdraidh

Tha eachdraidh Haiti inntinneach, air sgàth 's gum b' e Haiti a chiad phoblachd neo-eisimeileachd air feadh an t-Saoghail le daoine dhubha anns an riaghaltas an dèidh ar-a-mach soirbheachail nan tràillean. Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1793 nuair a bha Louis Sononthox os cionn na dùthcha.[3]

San 12 am Faoilleach 2010 bhualadh Haiti le crith-thalmhainn uabhasach. Thuit mìltean de thogalaichean anns a' phrìomh chathair Port-au-Prince agus bha 45,000-50,000 duine air am marbhadh. Tha 2,000,000 duine gun dhachaigh.

Chaidh ceann-suidhe Haiti o 2017, Jovenel Moïse, a mharbhadh ann an 2021. Lean Claude Joseph mar cheann-suidhe eadar-amail e.[4]

Toussaint L'Ouverture, Ceannard ar-a-mach 's athair poileataigeach Haiti

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Finkelman and Miller, Macmillan Encyclopedia of World Slavery
  4. Haiti President Jovenel Moïse killed in attack at home”, BBC News. 8mh dhen Iuchar 2021. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2021. 
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.