Danmhairgis

'S e Danmhairgis neo Dànais (dansk) an cànan a tha ga bruidhinn ann an Danmhairg, na h-Eileanan Fàro agus a' Ghraonlainn. Tha i faisg air Suainis agus Nirribhis. Nuair a b' e Nirribhidh agus an Danmhairg an aon dhùthaich, bha cainnt Danmhairgeach ga bruidhinn.[1] Tha i ga bruidhinn anns a' Ghearmailt, Nirribhidh, Innis Tìle agus Canada. B' e cànan oifigeil ann an Nirribhidh gu mu 1830, agus ann an Innis Tìle gu 1944. 'S e a' chiad chànan cèin a tha air theagasg ann an Innis Tìle an-diugh.[2]

Danmhairgis
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

5.5m

Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach + å æ ø
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil An Danmhairg
Na h-Eileanan Fàro
A' Ghraonlainn
'Ga riaghladh le Dansk Sprognævn (Comhairle Cànain an Danmhairg)
Còdan Cànan
ISO 639-1 da
ISO 639-2 dan
ISO 639-3 dan

Aibidil Danmhairgis

MòrABCDEFGHIJ
Beagabcdefghij
MòrKLMNOPQRST
Beagklmnopqrst
MòrUVWXYZÆØÅ
Beaguvwxyzæøå


Teacs

Nu var det sådan at hele jorden havde ét sprog og ét sæt ord.[3]
Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h-aon fhacail aig gach neach.

Iomraidhean

  1. The Languages of the World le Kenneth Katzner 1987 ISBN:0-7102-0861-8
  2. Omniglot
  3. Babelstårnet air Omniglot
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.