Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu
Chaidh Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1831 agus is e an dara comann as sine air a' champus. Bhon a bhith na chomann deasbaid Gàidhlig, tha e air leudachadh gu bhith na bhuidheann a tha a' brosnachadh ùidh ann an Gàidhlig agus cultar nan Ceilteach fad is farsaing ach gu h-àraidh a-measg nan oileanach aig Oilthigh Ghlaschu.

Suaicheantas a' Chomuinn
Amasan
- Gus cànan nan Gàidheal a bhrosnachadh air agus taobh a-muigh a champus.
- Gus deasbad air cuspairean ùidheal a chur air bhonn am measg buill a' chomainn.
- Gus ballrachd a' chomainn a tharraing còmhla tro ghnìomhan sòisealta.
- Gus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.