César Gaviria Trujillo

’S e agus riochdaire dioplòmasach, eaconomaiche agus neach-poileataigs à Coloimbia a th’ ann an César Augusto Gaviria Trujillo (IPA:θesaɾ auˈɣusto ɣaˈβiɾja tɾuˈxiʝo, Pereira, 31 an Cèitean 1947).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1990 gu ruige 1994. Phòs e aig Ana Milena Muñoz Gómez à Pereira ann an 1978 agus rug i dithis duine-cloinne dha.[2] 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineas do theaghlach malairteach a th’ innte. An dèidh an oithigh fhàgail, bha Gaviria na dheasaiche aig a' phàipeir-naidheachd La Tarde ann am Pereira fhèin. Tha ainneart na dùthcha air buaidh mhòr a thoirt air na Gaviria: chaidh a bhràthair a thoirt am bruid le ceannarcaich ann an 1996[3] agus chaidh a phiuthar a mharbhadh ann an 2006.[4]

César Gaviria Trujillo
ball Seòmar Riochdairean Choloimbia


Sgìre: Risaralda (en) Translate
ambassador of Colombia (en) Translate


Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

7 dhen Lùnastal 1986 - 17 dhen Ògmhios 1987
28. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1990 - 7 dhen Lùnastal 1994
Virgilio Barco Vargas - Ernesto Samper
Àrd-rùnaire Buidheann nan Stàitean Aimeireaganach

1994 - 2004
Baena Soares (en) Translate - Miguel Ángel Rodríguez Echeverría (en) Translate
Beatha
Breith Pereira, 31 dhen Mhàrt 1947
Dùthaich  Coloimbia
Teaghlach
Cèile Ana Milena Muñoz Gómez (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh nan Andes
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-poileataigs agus eaconamaiche
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Club of Rome (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Gaviria Trujillo agus tha e air a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann am Pereira ann an 1970, nuair a bha e dìreach 23 bliadhna a dh'aois. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1974 agus bha e na ionmhasair eadar 1986 gu 1987 agus na Rùnaire na Dùthcha bho 1987 gu ruige 1989 fo Virgilio Barco Vargas. Bha Gaviria Trujillo gu math dlùth air Luis Carlos Galán, a chaidh a mharbhadh ann an Soacha le Pablo Escobar ann an 1989.[5] Theab Escobar Gavria a mharbhadh cuideachd nuair a chuir na daoine aige boma air pleàna, ach cha do deach Gavria air.[6] Nuair a bha Gaviria na cheann-suidhe rinn a mòran an aghaidh luchd-reic dhrogaichean ann am Medellín agus Cali: chaidh Pablo Escobar dhan phrìosan (ann an Envigado) agus chuir am Poileas gu bàs e nuair a theich e. A thuilleadh air sin, chuir Gaviria Bun-reachd ùr an gnìomh.[7]

Iomraidhean

  1. Colombia
  2. NY Times
  3. Semana
  4. El Pais
  5. BBC
  6. Noticias Caracol
  7. Educando
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.