Braisil

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Braisil,[1][2][3] neo Brasil[4][5] 'S e a' chòigeamh dùthaich as motha a-rèir farsaingeachd agus a-rèir àireamh-shluaigh san t-Saoghal air fad. Tha crìochan aice san tuath leis a' Bheiniseala, le Sùranam, Guidheana agus Guiana Frangach, san iar-thuath le Coloimbia, san iar le Boilibhia agus Pearu, san iar-dheas leis an Argantain agus le Paraguaidh agus san deas le Uruguaidh. Tha an Cuan Siar san ear dhith.

Tha Braisil a’ gabhail a-steach mòran eileanan cuideachd, m. e.:

  • Penedos de São Pedro e São Paulo
  • Fernando de Noronha
  • Trindade and Martim Vaz
  • Atol das Rocas

Eachdraidh

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Ainm na dùthcha

Tha deasbad aig an luchd-rannsachaidh cò às a thàinig an t-ainm "Braisil". Tha cuid den bheachd gur e ainm Gàidhealach a th' ann. Tha ceangal làidir leis an ainm Í Breasail san Seann-Ghàidhlig[6][7] Bha an t-ainm sgrìobhte air mapa an t-Saoghail anns an 15mh linn. Bha na h-Èireannaich a' cleachdadh an ainm airson "Tìr nan Òg" cuideachd.

Raon Sòisio-eaconomach nam Braisil
Taisbeanair Raon 'san t-Saoghal Luach Dùthchannan Co-ionnana
Total Nominal GDP14mh604,855 millean USDAstrailia, An Ruis
Total PPP GDP 9mh1,461,564 millean Int. DollarsAn Eadailt, An Ruis
Per capita Nominal GDP74mh3,325 USDRomàinia, Doiminicia
Per capita PPP GDP70mh8,049 Int. DollarsBulgàiria, Thailand
Gini coefficient111mh59,3Paraguaidh, Guatamala
Clàr-innse an Leasachaidh na Daonnachd63mh0.792An Ruis, Romàinia

Bailtean as motha

Bailtean eile

Daoine ainmeil

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Bun-chruinn-eòlas', le Dàibhidh Waugh is Tònaidh Bushell, Am Foilleachadh Gàidhlig 2004 le Stòrlann/Acair ISBN 0-86152-668-6
  6. www.irishargentine
  7. Irelandsown
  8. Geonames

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.