Adhamh
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Adhamh[1][2][3] no Àdhamh.[4] 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Chaidh an t-aimn seo a sgaoileadh leis a' Bhìoball, mar sin tha e a' nochdadh ann an iomadh cànan, mar eisimpleir gu tric mar Adam ann am Beurla, Gearmailtis, Fraingis, Pòlais no Ruisis (Адам).
_-_Google_Art_Project.jpg.webp)
Adhamh agus Eubha, air am peantadh le Lucas Cranach
Bunachas
Thàinig an t-ainm bhon Eabhra אֲדָמָה "adamah" (talamh, ùir no grunnd) agus a rèir Genesis, a' chiad leabhar den Bhìoball, chruthaich Dia a' chiad duine às an ùir. Tha am facal Eabhra cuideachd a' ciallachadh "duine".[5]
Cruthan eile
A rèir Colin Mark 's e Adaidh an t-ainm goirid airson Adhamh,[3] litreachadh eile Àdaidh[4]
Daoine air a bheil an t-ainm Adhamh
Faic cuideachd
Iomraidhean
- MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
- Mac Farlane, Malcom (1912): “The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language”. E. Mackay. d.143
- Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3 d. 714
- Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx). d.12
- Behind the name - Adam
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.