Zhytomyr

'S e baile mòr air an àirde an iar An Ucràin a th' ann an Zhytomyr (IPA: ʒɪˈtɔmɪr, Ucranais: Жито́мир, Pòlais: Żytomierz, Iùdais: זשיטאָמיר‎). Tha e suidhichte132km air falbh bho Kyiv, san roinn Zhytomyrska Oblast agus tha 271,303 duine a' fuireach ann. Chaidh Zhytomyr a stèidheachadh ann an 884 agus bhuineadh e dhan Pòlainn ro 1945.

Жито́мир
Zhytomyr
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Sgìre Zhytomyrska Oblast
Co-chomharran 51° 59 00' Tuath
21° 19 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 271,303 (2013)
Àireamh fòn +380 412
Duilleag oifigeil Duilleag Oigigeil

Eachdraidh

Ann an 1991, thàinig Zhytomyr gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Zhytomyr a' bruidhinn (83.18%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (16.27%).[1] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Zhytomyr sa chiad leth dhen 20mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[2] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Zhytomyr air thuiteam beagan fad na 21mh Linn.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

  • Bytom
  • Dazhou
  • Kutaisi
  • Płock
  • Shangla

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. Ukcensus
  2. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
  3. Rozaiowski W, Żywot jenerała Jarosława Dąbrowskiego. Lviv, 1878
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.