William Henry Harrison
B' e an naoidheamh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte (4 am Màrt, 1841–4 an Giblean, 1841) agus riochdaire dioplòmasach a bha ann an William Henry Harrison (9 an Gearran, 1773–4 an Giblean, 1841). Cha robh e fada san obair seo - chaochail e as dèidh 32 làithean, agus mar sin, 's e sin an teirm as giorra aig ceann-suidhe Aimeireaganach sam bith. Rugadh e ann am planntachadh anns a' choileanaidh Virginia is b' e riaghladair a bha ann athair.
William Henry Harrison | |||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
10 dhen Fhaoilleach 1801 - 28 dhen Dùbhlachd 1812 ← no value - Thomas Posey (en) →
8 dhen Dàmhair 1816 - 3 dhen Mhàrt 1819 ← John McLean (en) - Thomas R. Ross (en) →
4 dhen Mhàrt 1825 - 4 dhen Mhàrt 1827 ← Ethan Allen Brown (en) Sgìre: Ohio Class 3 senate seat (en)
4 dhen Mhàrt 1827 - 20 dhen Chèitean 1828 - Jacob Burnet (en) → Sgìre: Ohio Class 3 senate seat (en)
24 dhen Chèitean 1828 - 26 dhen t-Sultain 1829 - Thomas Patrick Moore (en) →
dhen Dùbhlachd 1840 - 4 dhen Mhàrt 1841 ← Martin Van Buren - James K. Polk → Taghadh: 1840 United States presidential election (en)
4 dhen Mhàrt 1841 - 4 dhen Ghiblean 1841 ← Martin Van Buren - John Tyler → Taghadh: 1840 United States presidential election (en) | |||||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||||
Breith | Charles City County (en) , 9 dhen Ghearran 1773 | ||||||||||||||||
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte | ||||||||||||||||
Àite-fuirich |
North Bend (en) Grouseland (en) | ||||||||||||||||
Ciad chànan | Beurla | ||||||||||||||||
Bàs | An Taigh Geal agus Washington, 4 dhen Ghiblean 1841 | ||||||||||||||||
Àite-adhlacaidh | William Henry Harrison Tomb State Memorial (en) | ||||||||||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra | ||||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||||
Athair | Benjamin Harrison V | ||||||||||||||||
Màthair | Elizabeth Bassett | ||||||||||||||||
Cèile | Anna Harrison (en) (25 dhen t-Samhain 1795, 22 dhen t-Samhain 1795 - 4 dhen Ghiblean 1841) | ||||||||||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||||
Foghlam |
Hampden–Sydney College (en) Oilthigh Phennsylvania | ||||||||||||||||
Cànain |
Beurla Laideann | ||||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, dioplomat, oifigear agus stàitire | ||||||||||||||||
Àitichean-obrach | Washington, Fort Washington (en) , Vincennes (en) , Bogotá agus Cincinnati, Ohio | ||||||||||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||||||||
Meur an airm | Arm nan Stàitean Aonaichte | ||||||||||||||||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||||||||||||||||
Strì | Cogadh 1812 | ||||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||||
Creideamh | Eaglais Easbaigeach nan Stàitean Aonaichte | ||||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Cuigse nan Stàitean Aonaichte | ||||||||||||||||
Chaidh e san arm is shabaid e an aghaidh nan tùsanach. Chaidh e na riaghladair Ranntair nan Innseanach ann an 1800 is e a' dèanamh cùmhnantan leth-bhreitheach leis na tùsanaich. Fhuair e far-ainm "Old Tip" nuair a thug e buaidh air cho-bhann tùsanach aig Blàr Old Tippecanoe ann an 1811. Ann am blàr an aghaidh nam Breatannach is nan tùsanach ann an 1813 chaochail Tecumseh is chaidh Harrison na ghaisgeach nàiseanta.
Bha e na sheanadair anns a' mhòr-dhàil nàiseanta gu ruige 1819 is bha e na sheanadair ann an Ohio san 1820an. Sheas e mar thagraiche airson a' cheannais an aghaidh Martin Van Buren, a bhuannaich an taghadh, ann an 1836 agus a-rithist ann an 1840 nuair a bhuannaich e. Rinn e òraid aig in-shealbhachadh gun ad, gun còta, dh'fhàs e tinn is chaochail e an ath-mhìos. B' e a' chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte a bhàsaich ann an dreuchd. Chaidh Benjamin Harrison, ogha Harrison, cuideachd na cheann-suidhe ann an 1899.[1]
Chaidh a thìodhlacadh ann an North Bend, Ohio air Mount Nebo.[2]
Iomraidhean
- Freehling, William (4mh dhen Dàmhair 2016): “William Harrison: Life in Brief”. Miller Center, Oilthigh Virginia. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- “William Henry Harrison Tomb”. Ohio History Connection. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.