Wickenburg, Arizona
‘S e baile air an àirde an iar-dheas nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an Wickenburg. ‘S ann à ainm fear a bha ag lorg òr san sgìre (Henry Wickenburg) ann an 1862 a tha ainm a’ bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh san ath-bhliadhna, ann an 1863. Tha e suidhichte aig 669m os cionn ìre na mara,[1] anns an stàit Arizona, air iomall Phoenix. Tha am baile 3,219km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 508km bho Los Angeles, 2,357km bho Chicago agus 2,078km bho St. Louis.[2] Tha 6,593 duine a' fuireach anns a’ bhaile agus port-adhair beag ann cuideachd.[3] Chaochail an Ceimigear John Howard Northrop an seo ann an 1987.
Wickenburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte | ||||
Ceàrn | Maricopa, Yavapai | ||||
Sgìre | Arizona | ||||
Co-chomharran | 33° 57 54' Tuath 112° 44 53′ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 29.8 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 6,593 (2007) | ||||
Dlùths | 221.24/km² | ||||
Àireamh fòn | +1 (928) | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ci.wickenburg.az.us/ |
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.