Walter Scott
B' e nobhailiche agus bàrd Albannach a bha anns an Ridire Walter Scott (15 an Lùnastal 1771–21 an t-Sultain 1832). Bha nobhailean agus bàrdachd Scott air leth soirbheachail air feadh na Roinn Eòrpa.
Walter Scott | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Dùn Èideann, 15 dhen Lùnastal 1771 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Àite-fuirich | Taigh Àth an Aba | ||
Ciad chànan | Beurla | ||
Bàs | Taigh Àth an Aba, 21 dhen t-Sultain 1832 | ||
Àite-adhlacaidh | Dryburgh Abbey (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stròc) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Walter Scott | ||
Màthair | Anne Rutherford | ||
Cèile | Charlotte Genevieve Charpentier (en) (1797 - | ||
Clann |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Jordan High School (en) Kelso High School (en) An Àrd-sgoil Rìoghail University of Edinburgh School of Law (en) | ||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | bàrd, sgrìobhaiche-dràma, cànanaiche, eadar-theangair, nobhailiche, eòlaiche-ciùil, beatha-eachdraiche, sgrìobhadair, britheamh, neach-lagha a tha na b(h)àid, neach-lagha, eachdraiche agus breithniche litreachais | ||
Àitichean-obrach | Alba | ||
Obraichean comharraichte |
Waverley (en) Rob Roy (en) Ivanhoe (en) Old Mortality (en) The Lady of the Lake (en) | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Buaidh | King James Version (en) | ||
Ballrachd |
Roinn nan Tagraichean-lagha Saor-chlachaireachd Comann Rìoghail Dhùn Èideann Celtic Society (en) Bannatyne Club (en) | ||
Gluasad | romantaigeachd | ||
Far-ainmean | Jedediah Cleishbotham, Laurence Templeton, Somnambulus, Malachi Malagrowther, Clutterbuck agus Lawrence Templeton | ||
Gnè ealain |
ur-sgeul eachdraidheil bàrdachd sgeul goirid tèatar romantaigeachd | ||
IMDb | nm0779797 | ||
A bheatha
Rugadh e ann an Dùn Èideann, Alba. Fhuair e foghlam aig Oilthigh Dhùn Èideann agus rinn e ceum ann an lagh. Phòs e Charlotte Carpenter ann an 1797. Gu ruige 1826, bha e a' fuireach ann an Dùn Èideann. Ann an 1811, cheannaich e Cartley Hole Farm - ach thug e an t-ainm 'Abbotsford' air agus dh'imrich an teaghlach ann an 1812. Thachair e ri Seumas Hogg agus bha iad nan caraidean. Ged a bha na leabhraich aige glè shoirbheachail, bha trioblaidean mòra aige a thaobh airgid bho 1826. Chaochail e ann an 1832 aig Abbotsford agus chaidh a thìodhlacadh ann an Abaid Dryburgh.
Scott agus Alba
Ann an 1818, bha Scott na cheannard na sgioba a lorg seudan na h-Alba a bha air a bhith air chall. Chaidh an lorg ann an Caisteal Dhùn Èideann. Nuair a thadhail Rìgh Seòras IV air Dùn Èideann ann an 1822, bha Walter Scott 'n sàs ann an eagrachadh na cuirme. B' e seo a' chiad turas a chaidh rìgh Hanobharach a dh'Alba airson tadhail oifigeil.
Sgrìobhadh
An toiseach, bha Scott ainmeil mar bhàrd, ged a tha na nobhailean aige nas ainmeile a-nis. Thòisich e ri bàrdachd nuair a bha e fhathast glè òg. Ann an 1800, dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhaileadan, Minstrelsy of the Scottish Border. Bha ùidh mhòr aig Scott ann am beul-aithris nan Crìochan. Nuair a bha e na bhalach, chuir e seachad ùine mhòr ann an Sandyknowe còmhla ri a sheanmhair agus piuthar-màthar. Bha e a' cruinneachadh nan seann bhaileadan agus bha e glè mheasail orra, ach bha e gan 'deasachadh' agus gan 'leasachadh' cuideachd, gus am bi iad a' còrdadh ri luchd-leughaidh.
Ann an 1805, dh'fhoillsich Scott a' chiad dàn fada, The Lay of the Last Minstrel. Bha an dà chuid luchd-leughaidh agus luchd-sgrùdaidh a' moladh an dàin. Bha na dàin eile a dh'fhoillsich e soirbheachail cuideachd: Marmion (1808) agus The Lady of the Lake (1810).
Ann an 1814, dh'fhoillsich Scott Waverley, a' chiad nobhail aige, gu dìomhair. Bha Waverley air leth cudromach, oir b' e a' chiad nobhail eachdraidheil a bh' ann. Às dèidh Waverley, sgrìobh e iomadh nobhail eachdraidheil eile, 's iad a' gabhail àite ann an Alba: Rob Roy, The Heart of Midlothian, The Bride of Lammermoor no Old Mortality.
Buaidh Walter Scott
Ceòl
- Gaetano Donizetti - Lucia di Lammermoor
Filmichean
- Rob Roy (1992)
Leabhar-chlàr
Nobhailean Waverley
- Waverley
- Rob Roy
- The Heart of Midlothian
- The Bride of Lammermoor
- Old Mortality
Bàrdachd
- The Lay of the Last Minstrel
- The Lady of The Lake
- Marmion