Volodymyr Ivasyuk

B' e bàrd, lighiche, seinneadair agus sgrìobhaiche òrain Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann am Volodymyr Mykhailovych Ivasyuk (Ucràinis: Володи́мир Миха́йлович Івасю́к, Kitsman 4 am Màrt 1949 - Lviv, 24 an Giblean 1979). S' ann do theaghlach bhùirdeasach a bhuinneadh e: bha athair na sgrìobhadair agus bha a mhàthair na neach-teagaisg. Rugadh an t-seinneadair Ani Lorak san taigh a bh' ann le Ivasyuk roimhe. Thug e ceum ann an eòlas-leighis on oilthigh an Lviv agus chaidh e dho sgoil ciùil ann an Lviv gus ceòl-sgrìobhaidh ionnsachadh cuideachd. Dh' fhàs e ainmeil gu h-obann ann an 1970 leis an òran Червона рута' (Gàidhlig: rù dearg).[1] Tha Sofia Rotaru fhathast ga sheinn. Chaidh a chorp a lorg agus e air a chrochadh ann an coille air iomall Lviv ann an 1979. Thuirt na Poileis gur e fèin-mhurt a bh' ann, ach dh' fhàg an teaghlach aige gun do rinn an KGB murt airsan.[2]

Volodymyr Ivasyuk
Beatha
Breith Kitsman, 4 dhen Mhàrt 1949
Dùthaich  An t-Aonadh Sobhiatach
Bàs Q4097488 Translate, 26 dhen Ghiblean 1979
Àite-adhlacaidh Lychakiv Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt
murt duine (crochadh)
Teaghlach
Athair Mikhail Ivasyuk
Foghlam
Foghlam Acadamh-chiùil Lviv
Cànain Ucràinis
Ruisis
Dreuchd
Dreuchd lyricist (en) Translate, ceòl-sgrìobhaiche, sgrìobhaiche òran agus seinneadair
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Chervona Ruta (en) Translate
Gnè ealain bailead
IMDb nm0412207
ivasyuk.org.ua

Iomraidhean

  1. Cambridge
  2. Високий Эамок
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.