Vlissingen

‘S e baile meadhanach, port[2] agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Middelburg, air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th' ann an Vlissingen (IPA: ˈvlɪsɪŋən, Beurla: Flushing, Fraingis: Flessingue, Spàinntis: Flesinga). Tha e suidhichte air Leth-eilean eadar dà Chaolas: Veerse Weer ann an ceann a tuath agus Westerschelde ann an ceann a deas, ri taobh Inbhir Westerschelde, 5m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn Tìr na Mara (Duitsis: Zeeland), 136km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 81km bho Rotterdam, 86km bho Den Haag, 152km bho Almere agus 128km bho Utrecht.[4] Chaidh Vlissingen a stèidheachadh 620 agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1315.[5] 'S e am port na bu chudromaiche na dùthcha a bh'ann Vlissingen ri linn Aois an Òir nan Tìrean Ìsle, ged an do chrìonaich a cuid bheartais is cudromachd san 18mh Linn. Bha gnothaichean mar spùinneadaireas, tràilleachd, malairt agus iasgach gu math làidir an seo. Tha 44,391 duine a' fuireach ann.[6]

Vlissingen
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Zeeland
Co-chomharran 51° 27 51' Tuath
03° 34 35' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 34.16 km²
Àireamh-shluaigh 44,391 (2012)
Dlùths 1,299.5/km²
Àireamh fòn (+ 31) 0118[1]
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Rudan ri Fhaicinn

  • Beeldenhuis (Taigh nan Ìomhaighean-chloiche)
  • Belgische Loodshuizen (taighean nam Màirnealach às A' Bheilg)
  • Beursgebouw (Toglach a' Mhargaidh)
  • Dokje van Perry (Cidhe Pherry)
  • Fontein ter nagedachtenis aan Elisabeth Wolff en Agatha Deken (Tobar-cuimhne do dh' Elisabeth Wolff is Agatha Deken)
  • Fort Rammekens (Daingneach Rammekens)[7]
  • Garnizoensbakkerij en Kazematten (Taigh-fuine a' Ghearrasdain agus Casamatta)
  • Gevangentoren (Tùr a' Phrìosain)
  • Grote of Sint-Jacobskerk (Eaglais an Naoimh Sheumais neo Eaglais Mhòr)
  • Het Arsenaal (An Arm-lann)
  • Hoofdkantoor 'De Schelde' (Prìomh-oifisean 'De Schelde')
  • Koopvaardijmonument (Carragh-chuimhne a' Chabhalaich Mharsanta)
  • Lampsinshuis (Taigh an Teaghlaich Lampsins)
  • Leeuwentrap (Staidhre nan Leòmhain)
  • Lutherse kerk (Eaglais Lutaireanach)
  • Zeevaartschool (Sgoil Còmhdhail na Mara)
  • Standbeeld Michiel de Ruyter (Ìomhaigh-chloiche Mhichiel de Ruyter)
  • NS-Station Vlissingen (Stèisean nan Treàna)
  • Onze Lieve Vrouwekerk (Ealglais Mhoire)
  • Oranjemolen (Am Muileann Orange)[8]
  • Plein Vier Winden (Ceàrnag nan Ceithir Gaothan)
  • Sardijntoren (Tùr nan Sàrdain)
  • Stadhuis Vlissingen (Talla a' Bhaile)
  • Timmerfabriek (Taigh-gnìomhachais a' Bhrait-ùrlair)
  • Watertoren (Tùr an Uisge)
  • Willem III Kazerne (Gearasdan Uilleam III)
  • Windorgel (Òrgan na Gaoithe)
  • Wooldhuis (Taigh Woold)
  • Zeemanserve (Cornelia Quackshofje) (Àite-fuireach nam Maraichean)

Bailtean Co-cheangailte

  • Ambon[9]
  • Govan Mbeki
  • Taganrog

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. Utopia
  2. Zeeland Seaports
  3. Mongabay
  4. Distance Calculator
  5. Holland History
  6. Centraal Bureau voor de Statistiek
  7. Fort Rammekens
  8. Molendatabase
  9. DB City
  10. RO Gallery

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.