Villeblevin
'S e clachan air àirde an ear na Frainge a th’ ann an Villeblevin. Tha e suidhichte anns an sgìre (Fraingis: Département) Yonne, anns an roinn (Fraingis: Région) Bourgogne, eadar 53m agus 118m os cionn ìre na mara (meadhan dhe 88m), ri taobh na h-Aibhnichean Yonne agus Gâtinais, anns a’ Ghleann Yonne,[1] aig astar dhe 182km bho Dhijon agus 82km bho Pharis prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 1,806 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3]
Villeblevin | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | ![]() |
Sgìre | ![]() |
Co-chomharran | 48° 19’ 31 Tuath 03° 04′ 57 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 7.36 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,806 (2008) |
Dlùths | 245.38/km² |
Àireamh fòn | 03 86 |
Duilleag oifigeil | Duilleag oifigeil |
Chaochail an sgrìobhadair Albert Camus (1913 – 1960) ann an tubaist air an rathad N5 faisg air Villeblevin.[4] Tha am Pàirc Nàdarra Gâtinais faisg air a' bhaile cuideachd.[5]
Ainm a’ bhaile
Sgrìobhadh an t-ainm ann an caochladh dhòigh fad na linntean, ach 's e "Villapoplinam", "Villablovinam" neo "Villablovanam" a bh' ann an fheadhainn na b' aosta, leis gun do nochd iad ann an 11mh linn. 'S e eileamaid uabhasach cumanta ann an ceann a tuath na sgìre a th' ann an "Ville" (Laideann: Villa), mar eisimpleir: Villeneuve, Villecien, Villebougis, Villemanoche, is e a’ ciallachadh tuathanas Gallo-ròmanach, ga chleachdadh bhon an 8mh linn. Thathar dhen bheachd gur ann à ainm Gearmailteach mar "Bhlouain", "Blouvyn", "Blevin" neo "Bobolenus" a tha an t-ainm.[6]
Bailtean Co-cheangailte
Heidenburg (A' Ghearmailt)
Iomraidhean
- Mongabay
- Distance Calculator
- Cunntas-sluaigh na Frainge (INSEE)
- Mael Monnier
- Annuaire de France
- Ernest NÈGRE Toponymie générale de la France, Droz, Genève 1990-1991, ISBN 2600001336
- INSEE