Vicuña
‘S e baile ann am meadhan Sile a th’ ann Vicuña. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1821 le Joaquín Vicuña mar San Isidro de Vicuña. Tha e suidhichte eadar na h-Aibhnichean Elqui agus Turbio ann an ceann a tuath na roinne (Spàinntis: Provincia) Coquimbo, eadar beantan àirde mar Doña Ana (5,590m), El Escabroso (5,430m), Los Bañados (5,344m), Cerro Colorado (5,151m), Cerro La Laguna (4,724m) agus El Canto (4,600m). Tha am baile fhèin aig 469m os cionn ìre na mara[1] aig astar dhe 62km bho Choquimbo agus 380km bho Santiago prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 24,010 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Tha gnothaichean turasachd agus iasgach gu math làidir an seo, [4] a bharrachd air an àiteachas agus na mèinnean.[5]
Vicuña
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Sile | ||||
Ceàrn | Coquimbo | ||||
Sgìre | Elqui | ||||
Co-chomharran | 33° 00’ Deas 71° 31′ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 7.610 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 24,010 (2002) | ||||
Dlùths | 3,155.06/km² | ||||
Àireamh fòn | 51 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.munivicuna.cl/muni-ok/ |
Daoine Ainmeil
- Gabriela Mistral: (1889 – 1957) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1945.
Stèidheachadh
Chaidh am baile a stèidheachadh air an 22mh latha dhen Ghearran 1821, leis a’ Chornailear Joaquín Vicuña Larraín, a bha na riaghladair air an roinn, is e fo òrdughan Bernardo O'Higgins, (mac Ambróis O hUiginn), mar Villa de San Isidro de Vicuña (Baile an naoimh Isidro à Vicuña). Chaidh a t-ainm a ghoireachadh ann an 1872, gu Vicuña, nuair a dh’fhàs an clachan a bhith na bhaile, aig ìre oifigeil.
Eòlas-sluaigh
Fiosrachadh | % daoine |
---|---|
Fo 18 bliadhna | 35.7% |
nas aosta na 65 | 5.2% |
Foghlam fo aois-sgoile | 43.5% |
Foghlam aig a’ bhun-sgoil | 100% |
Foghlam aig ìre mheadhanach | 83.2% |
Foghlam àrd ìre | 17% |
Daoine gun dhachannan | 3.2% |
Daoine bhochd le dachannan | 12.7% |
Daoine bhochd | 17.2% |
Iomraidhean
- Mongabay
- Distance Calculator
- Riaghaltas Sile
- FishcampTeamplaid:Fix/category
- Portal minero
Ceanglaichean A-mach
- Comhairle ne SgìreTeamplaid:Fix/category
- Riaghaltas na Roinne
- Turasachd ann an Vicuña