Vernier
‘S e baile air an àirde an iar na h-Eilbheis a th’ ann am Vernier. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1209 mar Verneyer,[1] ged an robh daoine a’ fuireach an seo ri Linn an Umha. Tha e suidhichte aig 421m os cionn ìre na mara[2] ri taobh na h-aibhne Rhône, eadar Geneva agus port-adhair a’ bhaile, anns an roinn (Fraingis: Canton) Genève, dìreach 54km air falbh bho Lausanne, 227km bho Zürich agus 132Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 33,811 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 18mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[4] ‘S e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Vernier.
Vernier
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Genève | ||||
Cànan | Fraingis | ||||
Co-chomharran | 46° 12 00′ Tuath 06° 06 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 7.68 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 33,811 (2011) | ||||
Dlùths | 4,402.47/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 22 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.vernier.ch |
Ceanglaichean A-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.