Vasily Grossman
B' e neach-aithris agus sgrìobhadair Ucràineach/Sobhiatach, a bh' ann am Vasily Semyonovich Grossman (Ucràinis: Василь Семенович Гроссман, Iùdais: וואסילי גראסמאן). Rugadh e ann am Berdychiv air 12 an Dùbhlachd 1905 agus chaochail e ann am Moscobha air 14 an t-Sultain 1964. Bhuinneadh e do theaghlach Bùirdeasach, Iùdhach neo-creideamhach: bha athair na innleadair agus bha a mhàthair na neach-teagaisg Fraingis.[1] Bha athair na Menshevik a ghabhadh ri deamocrasaidh sòisealta. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh na Stàite ann am Mosgo. Thoisich e ri sgeulachdan goirid a sgrìobhadh fhathast a bha e ag obair ann am mèinn ann an Stalino Oblast agus chòrd iad seo gu mòr ri Maksim Gorky agus Mikhail Bulgakov.[2] Chuir Grossman seachad bliadhnaichean An Dàrna Cogaidh na neach-aithris airson a' phàipeir-naidheachd Krasnaya Zvezda (Gàidhlig: Rionnag Dhearg). Bha e an sàs anns gach uile cath agus blàr aig Stalingrad, Mosgo, Kursk agus, mu dheireadh thall, ann am Berlin. B' e Grossman a' chiad neach-aithris a chunnaic agus a sgrìobh mu dheidhinn nan campaichean-dùmhlachaidh agus an t-Uile-losgadh. Bha esan an làthair nuair a shaoraich an t-Arm Dearg ìobairtich nan Nàsach aig Treblinka agus Majdanek.[3]
Vasily Grossman | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Иосиф Соломонович Гроссман |
Breith | Berdychiv, 29 dhen t-Samhain 1905 (Julian) |
Dùthaich |
Impireachd na Ruise An t-Aonadh Sobhiatach |
Bàs | Moscobha, 14 dhen t-Sultain 1964 |
Àite-adhlacaidh | Troyekurovskoye cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) |
Teaghlach | |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh-stàite Mhosgo |
Cànain |
Ruisis Ucràinis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-naidheachd cogaidh, neach-naidheachd, sgrìobhadair, nobhailiche agus prose writer (en) |
Obraichean comharraichte | Life and Fate (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Aonadh USSR nan Sgrìobhadairean |
Seirbheis san arm | |
Strì | Eastern Front (en) |
IMDb | nm0343728 |
A Chuid Obrach
- «Глюкауф» (Glyukauf) 1934
- «Степан Кольчугин» (Stepan Kol'chugin) 1947
- «Народ безсмертний» (Narod Bezsmertniy) 1942
- «Сталінград» (Stalingrad) 1943
- «Роки війни» (Roky Viyny) 1945
- «За праве діло», (Za Prave Dilo) 1954
- «Повісті, оповідання, нариси» (Povisti Opovidannia) 1958
- «Старий учитель» (Stariy Uchytel') 1962
- «Добро вам!» (Dobro Vam!) 1967
- «Все тече …» (Vse Teche...) 1970
- «Життя і доля» (Zhyttia i Dolia) 1980
- «На єврейські теми» (Na Zvreys'ki) 1985
- «Україна без євреїв» (Ukraina Bez Evreiv)
- «Якщо вірити піфагорійцям» (Yakshcho Viryty Pifagoriytsiam)
Faic cuideachd
Eachdraidh an Aonadh Sobhietach
Iomraidhean
- The Great Patriotic War, 1941-1945". Yale University Press, New Haven, 2017.
- Kopówka, Edward; Rytel-Andrianik, Paweł (2011), Dam im imię na wieki, Drohiczyńskie Towarzystwo Naukowe, ISBN 978-83-7257-497-8.
- Vasily Grossman, The Road: Stories, Journalism, and Essays with Commentary by Robert Chandler, New York Review of Books 2010, ISBN 1590174097.