Vasco da Gama
B' e taisgealaiche, seòladair is àrd-mharaiche às a' Phortagail a bha ann Vasco de Gama. Rugadh e mu 1469 aig Sines, port beag ann an Roinn Alentejo. Chosnaich e ainm maraiche gal dha fhèin tràth na bheatha.
Vasco da Gama | |||
---|---|---|---|
5 dhen t-Sultain 1524 - 24 dhen Dùbhlachd 1524 ← Duarte de Meneses (en) - Henrique de Meneses (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Sines (en) , 1469 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na Portagaile | ||
Bàs | Kochi (en) , 24 dhen Dùbhlachd 1524 | ||
Àite-adhlacaidh |
Manachainn Jerónimos Eaglais Santa Engrácia Eaglais Naomh Frangan | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Mailèiria) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Estêvão da Gama | ||
Màthair | Izabel Sodre | ||
Cèile | Catarina de Ataíde (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Cànain | Portagailis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | taisgealaiche, world traveler (en) , seafarer (en) agus oifigear a' chabhlaich | ||
Ìre | Àrd-mharaiche | ||
Creideamh | |||
Òrd | Franciscans (en) | ||
Ann an 1497 thill Bartolem Diaz chun na Portagail as deidh bòidse a bha air chuairteachadh Ceap nan Stoirm. Chuir Rìgh João roimhe tuilleadh rannsachadh a dhèanamh, ach b' e an ath rìgh, Manoel am Fortunach a chuir an iomairt air coise. Chaidh a thaghadh Da Gama a bhith os cionn a' ghnàthach agus air 8mh Iuchair 1497 dh'fhàg e Lisbon le ceithir luing agus 160 daoine. Cha do lorg iad gaoth fàbharach agus chaidh ceithir mìosan seachad mus an do ràinig iad Bàgh Naoimh Eilidh. Air cuairteachadh a' cheap agus air cuir sìos cor agus aon ar-a-mach ràinig iad Melinda tràth an 1498. Is ann an sin a lorg Da Gama paidhleat Innseanach agus sheòl e air adhart dhan ear-thuath a' ruigsinn Calicut air 20mh Chèitein 1498.
Bha Zamorin (Righ) na Calicut mì-earbsach de na h-Eòrpaich aig an toiseach agus an greis chaidh e calg dìreach nan aghaidh. Aig a' cheann thall b' fheudar do Da Gama a shabaid a slighe a mach as a' Chala. Bhuannaich a chabhlach air ais gu Lisbōa 's an t-Sultain 1498, a' lorg fàilte mhòr agus urram dhan Admiral. Cho luath 's a b' urrainn dha dh'ullaich Manoel cabhlach de 13 luingean fo stiùir de Pedro Alvarez Cabral agus chaidh an cuir a mach le òrdughan a stèidhich colonaidhean Portugach an India. Sheòl Cabral ro fhada dhan iar agus (air an slighe gus na h-Innseachan) lorg e oir Bhrasail.
Chaidh Da Gama a mach gu Innse da thrup eile, an 1502-03 agus 1524-25. Air an treas sgrìob dh'eug e gu h-obann aig Cochin an Dùbhlachd 1525 [1].
Iomraidhean
- Chambers Encyclopedia, New Edition, Dùn Èideann, 1935
Ceanglaichean a-mach
- GRD: Vasco da Gama (sa Ghàidhlig)