Valerian Pidmohylny
B' e eadar-theangair, faclairiche, cànanaiche, nobhailiche agus sgrìobhadair às An Ucràin, a bh' ann am Valerian Petrovich Pidmohylny (Ucràinis: Підмогильний Валер'ян Петрович).[1] Rugadh e ann an Dnipropetrovsk air 2 an Gearran 1901 agus chaochail e anns na h-Eileanan Solovetsky air 3 an t-Samhain 1937. Bhuinneadh e do theaghlach Bùirdeasach: bha athair na mhaor ann an oighreachd mhòr. B' e Pidmohylny agus Viktor Petrov a chruthaich an nobhail innleachdail ann an Ucràinis.[2] Sgrìobhadh e ann an stoidhl air an robh fìorachas. Mar eadar-theangair, chuir e Ucràinis air Anatole France agus Guy de Maupassant. Bhàsaich e thall sa Ghulag nuair a bha Iosif Stalin sa chumhachd. 'S ann ainmeil 's a tha e airson an nobhail Місто (Gàidhlig: Am Baile) a sgrìobh e ann an 1928. Thug Honoré de Balzac buaidh làidir air Pidmohylny.
Valerian Pidmohylny | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Pysarivka (en) , 20 dhen Fhaoilleach 1901 (Julian) |
Dùthaich | An t-Aonadh Sobhiatach |
Bàs | Solovetsky Islands (en) , 3 dhen t-Samhain 1937 |
Àite-adhlacaidh | Sandarmokh (en) |
Nàdar a’ bhàis | unnatural death (en) (execution by shooting (en) ) |
Foghlam | |
Foghlam | Oles Honchar Dnipro National University (en) |
Cànain |
Ucràinis Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | faclairiche, cànanaiche, sgrìobhadair agus eadar-theangair |
Obraichean comharraichte | Misto (en) |
Gnè ealain |
nobhail sgeul goirid short novel (en) |
Iomraidhean
- University of Toronto
- Н. І. Гноєва. Український інтелектуальний роман 20-х років XX століття в оцінці Ю. Шевельова