Vélez (Santander)

'S e baile meadhanach ann an Santander, Coloimbia,[1] a th' ann am Vélez (IPA: beles). Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha shuas aig 2,050m os cionn ìre na mara agus agus 137km air falbh bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 16.7˚ aige, rè na bliadhna.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1539.

Vélez
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Santander
Sgìre Vélez
Àirde 2050m
Co-chomharran 07° 04' 15' Tuath
73° 10' 23' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 271.34 km²
Àireamh-shluaigh 19,755 (2005)
Dlùths 72.81/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Eachdraidh

B' e Ubasá an t-ainm a bha air an àite seo mus an do ràinig na Spàinntich agus b' e Tùsanaich air an robh Chipatá a bha nan tàmh an seo. Chaidh am baile mar a tha e an latha an-diugh a stèidheachadh le Martín Galeano-Doria air 14 an t-Iuchar 1539. Chuireadh ainm Spàinnteach airsan: tha Vélez eile ann faisg air Málaga. Thogadh oilthigh ann an 1549 agus cathair-eaglais ann an 1560. Chaidh Bun-reachd ùr roinneil a chruthachadh ann am Vélez ann an 1853.[4] Thugadh còirichean bhòtaidh do mhnathan airson a' chiad turais a-riamh ann an Coloimbia no ann an Aimearaga-Laideannach air fad.[5] Cha d' fhuair am boireannach a leithid còirichean anns an dùthaich air fad gu ruige 1954, nuair a bha an deachdaire Gustavo Rojas Pinilla os cionn Riaghaltas na dùthcha.[6]

Sluagh a' bhaile

Tha 9,690 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha 19,755 duine a’ fuireach anns an sgìrean air fad, a' gabhail a-steach nan clachan dùthchasail a-staigh crìochan a' bhaile.[7] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail nan sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann am Vélez , ach tha 0.1% dhe daoine aig a bheil freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 83.1% nan daoine ann am Vélez leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 27.4% nan dachannan.[9]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Vélez. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Las Distancias
  3. Climate Data
  4. Bernd Marquardt: Staat, Demokratie und Verfassung in Hispano-Amerika seit 1810, 1. Band, Das liberale Jahrhundert (1810–1916), Bogotá 2008
  5. Banrepcultural
  6. Palacios, Marco. Entre la legitimidad y la violencia: Colombia 1875-1994. Colección Vitral. Editorial Norma, 2003. ISBN 958047155X, 9789580471554
  7. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  8. Colombia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann am Vélez

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.