Uruguaidh

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Uruguaidh[1][2][3], (Spàinntis:República Oriental del Uruguay, IPA:reˈpuβlika oɾjenˈtal del uɾuˈɣwai). Tha crìochan aice sa tuath le Braisil agus san iar leis an Argantain. Tha an Cuan Siar san ear-dheas dhith. ‘S e an darna dùthaich neo-eisimeileach as lugha a tha ann an Aimearaga a Deas. Tha mu 3.46 millean duine a’ fuireach ann an Uruguaidh, ach tha mu 1.7 millean a’ fuireach anns an àrd-bhaile Montevideo fhèin. [4] Tha àiteachas gu math cudthromach airson eaconomaidh Uruguaidh. Tha 10% den GDP a’ tighinn às a’ ghnìomhachas seo.

Eachdraidh

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1842.[5]

Iomraidhean

  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Am Faclair Beag
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. CIA - The World Factbook – Uruguaidh
  5. UNICEF

Ceanglaichean a-mach

Uruguaidh
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.