Uppsala

'S e baile mòr an am meadhan na Suaine a th' ann an Uppsala (IPA: /ˈɵpːˈsɑːla/, Fraingis: Upsal). The suidhichte ri taobh na h-aibhne Fyrisån, aig dìreach 10m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Uppland,[2] 403km air falbh bho Ghöteborg, 513km bho Helsingborg, 546km bho Mhalmö, 696km bho bhoden agus 61km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 13mh Linn agus chaidh Oilthigh a chur air bhog an seo ann an 1477. Tha 140,454 duine a' fuireach anns a' bhaile,[4] an 4mh baile as motha na dùthcha.[5]

Uppsala
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Uppland
Sgìre Uppsala län
Co-chomharran 49° 51 00' Tuath
17° 38 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 48.77 km²
Àireamh-shluaigh 140,454 (2010)
Dlùths 2,879.93/km²
Àireamh fòn + 46 018
Duilleag oifigeil http://www.uppsala.se/

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Seann-Lochlannais: up (suas/àrd) agus salla (talla) a tha an t-ainm.[6] Bheireadh sin An Talla Àrd dhuinn sa Ghàidhlig air neo Uphall sa Bheurla Ghallda an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda up a th' ann an upp agus leis a' Ghàidhlig talla a th' ann an salla.[7] B' e Östra Aros (Àros an Ear) a chanadh ris roimhe.

Eachdraidh

Chaidh Oilthigh Saidheansail an Àiteachais a stèidheachadh ann an 1977 le campas ann an Uppsala fhèin, Alnarp, Skara agus Umeå.[8] Thogadh Dag Hammarskjöld, Riochdaire dioplòmasach agus ceannard nan Dùthchannan Aonaichte bho 1953 gu ruige 1961, ann an caisteal faisg air Uppsala.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mongabay
  2. Nationalencyklopedin
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Dùthcha
  5. Bailtean na CruinneTeamplaid:Fix/category
  6. Runeberg
  7. Mats Wahlberg, (2003). Svenskt ortnamnslexikon, Uppsala: Institutet för språk och folkminnen, ISBN 91-7229-020-X
  8. Study in Sweden
  9. Bærum Kommune
  10. 대전광역시
  11. Frederiksburg KommuneTeamplaid:Fix/category
  12. Hafnarfjörðarkaupstaður
  13. Hämeenlinna
  14. City of Minneapolis
  15. Tartu
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.