Uitenhage

‘S e baile meadhanach faisg air Port Elizabeth, ann an ceann a deas Afraga a Deas a th’ ann an Uitenhage (IPA: œjtənˈɦɑːxə). The suidhichte aig 89m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a deas na roinne Rubha an Ear (Xhosa: EMpuma Koloni), anns an sgìre Nelson Mandelabaai, eadar Kirkwood agus Motherwell, ri inbhir na h-aibhe Swarkopts. Tha e 520km air falbh bho Bhloemfontein, 645km bho iKapa, 880km bho Johannesburg agus 936km bho Phretoria, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 103,639 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Afrikaans a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Uitenhage. Chaidh Uitenhage a stèidheachaidh ann an 1804, leis a' Bhreitheamh Jacob Glen Cuyler.[4] Tha taigh-gnìomhachais nan Carbadan Volkswagen an seo.[5]

Uitenhage
Suidheachadh
Dùthaich Afraga a Deas
Ceàrn EMpuma Koloni
Sgìre Nelson Mandelabaai
Co-chomharran 33° 46′ 00″ Deas
25° 24′ 00″ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 75.35 km²
Àireamh-shluaigh 103,639 (2011)
Dlùths 1,375.43/km²
Àireamh fòn 041

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. Falling Rain
  2. Distance Calculator
  3. Adrian Frith
  4. NYSM
  5. Volkswagen
  6. World President
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.