Tumba

'S e baile beag (Suainis: tätort) air a sgaoileadh eadar dà sgìre-riaghlaidh (Botkyrka kommun agus Salems kommun), ann an cridhe na Suaine faisg air Stockholm a th' ann an Tumba. Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Tumbaån,[1] anns an sgìre Stockholms län, 466km air falbh bho Helsingborg, 763km bho Bhoden agus 20km bho Sholna.[2] Tha 37,852 duine a' fuireach ann.[3]

Tumba

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Stockholms län
Sgìre Botkyrka kommun/Salems kommun
Co-chomharran 59° 12 00' Tuath
17° 49 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,773.53 km²
Àireamh-shluaigh 37,852 (2013)
Dlùths 21.34/km²
Àireamh fòn (+46) 08

Eachdraidh

Chaidh muileann-phàipeir a thogail an seo ann an 1755 le Banca na Suaine.[4] Tha e fhathast a' dol agus 'se am as aosta na dùthcha. Thàinig an Rathad-iarainn ann an 1860. Chuir Klas Pontus Arnoldson seachad bliadhnaichean ag obair ann an oifis rèile an seo, mus an do thoisich e ann am poileataigs radaigeach agus naidheachdas. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1908.[5] B' esan a stèidhich an Comann Suaineach airson Sìthe agus Eadar-bhreithe (Suainis: Svenska freds- och skiljedomsföreningen).[6] Tha sràid sa bhaile - K P Arnoldssons Väg - a tha air ainmeachadh an a dhèidh. Chaidh bhideo airson an òrain The Day Before You Came le ABBA fhilmeadh san stèisean an seo ann an 1982.

Daoine Ainmeil

  • Sven Tumba: (1931 - 2011). Cluicheadair Hocaidh-deighe.

Ceanglaichean A-muigh

Iomraidhean

  1. Eniro
  2. Distance to from
  3. SCB
  4. Riksbank
  5. Nobel Prize
  6. UFCG

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.