Tobar na Màthar agus Wishaw (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)

'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Tobar na Màthar agus Wishaw (Beurla: Motherwell and Wishaw).[1]

Tobar na Màthar agus Wishaw
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Taigh an Ròid
Ball Clare Adamson BPA
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Àireamh-bhòtaidh 29,111
Mòr-chuid 6,223

Tha Tobar na Màthar agus Wishaw fhèin, Cleland agus Newmains san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Meadhan na h-Alba cuideachd.

Tha i ann an crìch ri Uddingston agus Bellshill, An t-Àrd Ruigh agus Shotts, Dail Chluaidh, agus Hamilton, Taigh na h-Uiseig agus an Taigh Cloiche.

Eachdraidh

Chaidh a cruthachadh ann an 1999. Bha Seac MacConaill na chiad BhPA airson na sgìre. Lean John Pentland e airson nan Làbarach ann an 2011, is bhuannaich Clare Adamson, ball Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, e ann an 2016.

Buill-phàrlamaid

Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid Àireamh-bhòtaidh
2016[3] Clare Adamson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 6223 29111
2011[4] John Pentland Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 587 24451
2007[5] Seac MacConaill Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 5938 26150

Faic cuideachd

Iomraidhean

  1. Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
  2. Recommended Scottish Parliament constituencies: Motherwell and Wishaw Burgh Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
  3. Motherwell and Wishaw - Scottish Parliament constituency - Election 2016”. BBC. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017.
  4. Election 2011 - Scotland - Motherwell and Wishaw (Beurla). BBC. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017.
  5. Election 2007 - Scotland - Motherwell & Wishaw”. BBC. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.