Tanabata

Is e fionnsgeul agus fèis Iapanach a th' ann an Tanabata (七夕, a' ciallachadh "An t-Seachdamh Oidhche"). Theirear Fèis na Rionnaige no Fèis a' Bhreabadair rithe cuideachd, agus tha i air a cumail air an t-seachdamh latha dhen Iuchar. A-rèir an fhionnsgeòil, bidh na diathan Orihime (air a riochdachadh leis an rionnag Sgleòdhag) agus Hikoboshi (Leisgeag Ìosal) a' coinneachadh uair sa bhliadhna aig Sgrìob Chloinn Uisnich, mas e oidhche shoilleir a bhios ann. Bidh clann ga comharrachadh air an 7mh latha den Iuchar, a' crochadh an guidhean sgrìobhte ri geugan bambù, agus a' sgeadachadh àitean le origami.

Fèis Thanabata ann an Tokyo, 2010
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.