Taifa Shevilla
B' e dùthaich Muslamach Tamaiseach ann An Ibèir nach do mhair ach bho 1023 gu ruige 1091 a bh' ann an Taifa Shevilla (Arabais: طائفة إشبيليّة). Bha e suidhichte far a bheil ceann a deas Andalusia agus A' Phortagail an latha an-diugh, a' gabhail a-steach bailtean cudromach mar Shilves agus Carmona. Chaidh a stèidheachadh ann an 1023 nuair thuit Impireachd Chórdoba a-mach à chèile ann an Al-Andalus agus Córdoba fhèin air a chreachadh leis na Crìostaidhean ann an 1009.[1] Ghabh Impireachd nan Almorabhadaibh os làimh an taifa seo ann an 1191. Bha an stàit bheag seo fo chìs do Castilla.
Taifa Shevilla/طائفة إشبيليّة | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
![]() | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1023 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1091 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Sevilla | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Arabais, Eabhra, Mosarabais agus Tamaisich |
Iomraidhean
- Historia de España Menéndez Pidal (1999), Tomo VIII-I: Los Reinos de Taifas.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.