Taghan
’S mamal feòl-itheach caol Eòrpach a tha san taghan (Laideann Martes martes; Beurla pine marten). Tha e san aon teaghlach ris a’ mhionc, an dòbhran, am broc agus an neas. Tha a chorp mu 53cm a dh’fhaid, agus tha earball molach aige a dh’fhaodas a bhith 25cm a dh’fhaid. Tha e ri fhaighinn ann an Albainn agus air feadh cuid mhór den Roinn Eòrpa. Is toigh leis sgìrean coillteach.
![](../I/Pine_Marten_BWC.JPG.webp)
Taghan
![](../I/European_Pine_Marten_area.png.webp)
Raon nan taghan
Ceanglaichean a-mach
- BBC Naidheachdan 2016-08-05: Cèicichean aig ‘gym nan taghan’ (aithris bhideo 2:07)
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.