T. P. O'Connor
B'e Tómas de Paor Ó Conchobhair (Beurla: Thomas Power "T. P. " O'Connor, Baile Átha Luain,[1] 5 an Dùbhlachd 1848 - Lunnainn, 18 an t-Samhain 1929), neach-aithris,[2] agus fear-iomairt Pàrtaidh nàiseantach na h-Èireann, a bharrachd air a bhith na bhall phàrlamaid airson Liverpool Scotland[3] (an sgìre mu thimcheall Sràid na h-Alba, ann am Poll a' Ghrùthain, Sasainn), fo bhràiste Partaidh Nàiseantachd na h-Èireann eadar 1885 agus 1929. Bha Ó Conchobhair an sàs ann an iomairt airson neo-eisimeileachd na dùthcha aige fad a bheatha, an dà chuid taobh a-staigh na h-Èireann agus thall thairis ann an Sasainn cuideachd. A thuilleadh air sin, bha e uamhasach ainmeil mar fhear-aithris cuideachd is e na eòlaiche na Pruise. Thug e ceum ann an Eachdraidh agus Cànain ann an oilthigh na Gaillimhe[4] agus bha e fileanta san Fhraingis is sa Ghearmailtis.