Tha neo teatha na deoch bhrodach a gheibhear bho bhith a' tarraing duilleagan an luis Camellia sinensis fhèin. Tha na duilleagan teatha air an tiormachadh agus gu tric air an ocsaideachadh ro làimh. Gabhaidh na duilleagan tioram a tarraing no a masgadh ann an uisge, mar as trice, uisge teth no uisge goileach a-rèir dè an gnè theatha a th' ann. Faodaidh eadhon uisge fuar no meadh-bhlàth a chleachdadh ach bheir i ùine gu leòr mus tarraing an teatha.

'S i teatha an deoch as motha a dh' òlar san t-saoghal an dèidh uisge agus 's iomadh seorsa a tha ann le caochladh bhlas is bholaidh a gheibhear air an lus Camellia sinensis a-rèir mar a thèid a ghiollachd. Canar mar an ceudna ri deochannan anns nach eil Camellia sinensis ga chleachdadh. Gheibhear tì ùbhlan, tì mheasan, tì eòrna agus mar sin air aghaidh. Òlar teathannan luibheach aig nach eil ceangal sam bith ris an luis Camellia sinensis, ach a tha air an tarraing air lusan àraidh.

'S iad na ceithir seorsaichean de theatha as motha a th' air an òl air feadh an t-saoghail ach tì dhubh, tì uaine, tì oolong agus tì gheal. Gabhaidh na h-uile dhiubh a dhèanamh air an aon gnè de phreas, le diofraichean ann an dòighean giollachd 's àiteachaidh.

Preas na Teatha

Tha am preas seo gach àm uaine. Tha e a' giùlan fras mu mheudachd spiligein peasrach, bho bheil am preas a' fàs. Is ann air an deisear as fheàrr a chinneas iad.

Is ainmig a tha am preas seo, a tha cosmhail ri seòrsa ròide, a' cinntinn nas àirde na dris nan ròs, no mar as motha, sia no seachd troighean air àirde.

Is minig a shuidhichear e na shreathan, mu thuaiream trì no ceithir de throighean bho chèile. Tha an duilleach as motha mu dhà òirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a' fàs caol nam barr, mar dhuilleach dris nan ròs.

Eachdraidh

A rèir Mac-Talla, b' iad muinntir Shìona leis a bu mheasail òl na teatha ann an 1894, ach b' iad muinntir Bhreatainn san dara àite aig an àm sin. Aig toiseach a' bhliadhna 1894, bha cuid de fhir-pàrlamaid Bhreatainn airson nach biodh de chìs air an tì idir. Aig an àm sin, bha dà cheud is deich millean punnd (210 000 000) tì air òl am Breatainn gach bliadhna, agus bha ceithir sgillinnean am punnd de chìs oirre. Chailleadh an Riaghaltas trì millean gu leth not Sasannach sa bhliadhna nan toireadh a' chìs sin dhith.[1]

Tionail na tì

A' Chiad Tional

Tha a’ chiad chuid gan tional sa Mhàrt, nuair nach eil ach beagan duillich air fàs air a’ phreas, agus gun ach latha no dhà a dh' aois. Anns an àm seo, chan eil iad ach beag, uaine, agus maoth ach thathar a’ meas gur e seo gnè as fheàrr, agus le an ro fheabhas, bha iad aig aon àm air an gleidheadh fa chomhair rìghrean agus dhaoine mòra; agus airson sin, theirear Teatha rìoghail rithe ann an Sìona.

Ann an Iapan, tha iad air an trusadh leis an fhaicill as motha, agus cha bheir iad oirre nan làmhan gun làmhan grinne bhi umpa.

Tha iad a' meas gur ann a tha an dath uaine aig an t-seòrsa Tì seo ag èirigh bhon àm sam buainear an duilleach, cosmhail ri meas an-abaich, a tha mar as trice uaine agus geur sa bhlas.

An Dara Tional

Tha an dara tional air a dhèanamh mu dheireadh a’ Mhàirt: tha na duilleagan san àm seo mòr, gun a bheag de am fàileadh cùbhraidh a chall; ach tha mùthadh eadar an abaichead, cuid air teachd chum an làn chinneis, agus cuid nach eil. Ach tha iad air an tional feadh a chèile, 's a-rithist air an sònrachadh a rèir am buaidhean fa leth; agus na duilleagan as fheàrr air an reic fo ainm an t-seòrsa rìoghail ann an Sìona.

An Treas Tional

Tha an treas tional a' tachairt ann am Mìos meadhanach an t-Samhraidh, nuair a tha na duilleagan air teachd chun an làn mheudachd. 'S e seo an cruinneachadh as tomadaich, ach chan eil an Tì cho math. An dèidh dhaibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na taighean caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum.

Eachdraidh na Tì

Sìona

Anns an t-seann aimsir ann an Sìona, chaidh na taighean-caoineachaidh a thogail air chosgais na rìoghachd, agus dh'fhaodadh gach neach, aig nach robh cothrom air a dhèanamh aig a thaigh fhèin, a chuid Tì a thoirt do aon de na taighean-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; 's nuair a bha i gu tioram, làn uidheamaichte, bha iad an sin gan cur ann an cisteachan lìnigte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eòrpa.

Iapan

Nuair a bha a' chiad tional den Tì thaghta seo air cruinneachadh ann, bhite a' cur fo fhreiceadan làidir i chum an Iompaire, agus rachadh a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Ìompaire.

An Roinn-Eòrpa

Thachair don Tì mar thachair do an tombaca, a' leigeadh ris a’ bhuaidh a th' aig cleachdadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream trì cheud bliadhna ron àm seo, cha robh aon chuid diubh aig muinntir na h-Eòrpa; ach an-diugh is tearc duine leis nach annsachd an Tì.

'S ann anns a' bhliadhna 1610 a thàinig a' chiad Tì don Roinn-Eòrpa, agus 's iad na Duitsich a thug ann i. Anns a’ bhliadhna 1666 chosg aon phunnd dhi ann an Lunnainn trì puinnd Shasannach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707.

Iomraidhean

  1. gun urra (10mh dhen Ghearran 1894): Naigheachdan (sic),” ann an: Mac-Talla. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.

Faic cuideachd

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.