Sunne
'S e sgìre dùthchasail air an àirde an iar-dheas na Suaine a th' ann an Sunne. Tha e suidhichte ri taobh Loch Fryken, ann an Värmland,[1] 243km air falbh bho Stockholm agus 240km bho Ghöteborg.[2] Tha 13,308 duine a' fuireach anns an sgìre.[3]
Sunne
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Värmlands län | ||||
Sgìre | Värmland | ||||
Co-chomharran | 59° 50' Tuath 13° 08′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,296 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 13,308 (2010) | ||||
Dlùths | 10.27/km² | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.sunne.se |
Freumhan an ainm
Tha e coltach gur ann às an fhacal sund (caol) ann an Suainis (san tuiseal tabhartach shingilte) a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin An Caolas dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla sound a th' ann.[5] B' e Sundy a chanadh ris roimhe. Tha sin a' gabhail cruth na tìre.
Daoine ainmeil
- Selma Lagerlöf, (1858–1940). A' chiad bhean a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas a-riamh.
Iomraidhean
- Nationalencyklopedin
- Distance Calculator
- Riaghaltas na Suaine
- Runeberg
- Mats Wahlberg, (2003). Svenskt ortnamnslexikon, Uppsala: Institutet för språk och folkminnen, ISBN 91-7229-020-X
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.