Stràc throm

'S e an comharradh gràmair ( ` ) a tha anns an stràc throm (ris a tha cuideachd an stràc mhall). Thèid an comharradh a chleachdadh os cionn litrichean ann am feadhainn aibidilean Laideannach airson iomadh adhbhar.

À à
È è
Ì ì
Ǹ ǹ
Ò ò
Ù ù
Ǜ ǜ

Gàidhlig

Anns a' Ghàidhlig, thathar ga cleachdach os cionn nam fuaimreagan fada. Bhiodh e agus o fada air an sgrìobhadh leis an stràc gheur (é, ó) san àm a dh'fhalbh, ach thathar a' sgrìobhadh an stràc mhall os cionn a h-uile fuaimreag an-diugh.

Cànanan eile

Air a chaochladh, thathar ga cleachdadh sa Chuimris os cionn fuaimreig am biodh fada às a h-aonais , a' sealltainn gu bheil i goirid, m.e. "mẁg"' (muga) seachad air "mwg" (smùid).

Thathar ga cleachdadh cuideachd ann an Nirribhis, ann an cànanan Ròmanaich agus ann an cànanan eile. Tha na h-adhbharan eadar-dhealaichte, ach chan eilear ga sgrìobhadh os cionn connragan idir.

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.