Stockholms län

'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Stockholms län (Suomais: Tukholman lääni). Tha i na laighe ri eadar Loch Mälaren agus Am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, air an taobh shear Uppsala län agus Södermanlands län. 'S e Stockholm a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1714. Sìnidh Stockholms län fad 6519km² agus tha 2,231,439 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 16mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Tha 26 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Danderyd, Solna agus Stockholm nam measg.

Stockholms län
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Prìomh-bhaile Stockholm
Stèidhichte 1714
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6,519 km²
Àireamh-shluaigh 2,231,439 (2015)
Dlùths 342.3/km²
Àireamh fòn + (46) 08
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Freumhan an ainm

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à stäk (Gàidhlig: bàgh no cabair) agus holmr (eilean beag) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2]

Eachdraidh

Eadar 1534 agus 1714 bha an sgìre seo na pàirt Uppland. B' e Knut Ture Stensson friherre Bielke a' chiad riaghladair nan roinne.[3] Chaidh crìochan na roinne atharrachadh ann an 1968. Riochdaicheadh Olof Palme - a bha na phrìomhair dà thuras mus an do mharbh fear-brathaidh ann an 1986 - na sgìre sa Riksdag (Pàrlamaid na Suaine) eadar 1969 agus 1970.[4]

Bailtean na Sgìre

Daoine ainmeil

Iomraidhean

  1. SCB
  2. Runeberg
  3. Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt
  4. Olof Palme
  5. Hilma af klint
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.