Stafa
’S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Stafa (Beurla: Staffa, IPA: [s̪t̪afa]). Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba, 10 cilemeatair siar air chòrsa Mhuile agus mu 9 cilemeatair tuath an ear-thuath air Ì Chaluim Chille. Tha e ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. 'S e seo na Co-chomharran aige: 56° 26′ 10.02″ Tuath is 6° 20′ 33.07″ Iar.
Tha Stafa mu 200 meatair a dh’ fhad agus 600 meatair a leud le 33 heactair ceàrnagach de mheud. Tha an t-àite as àirde 42 meatair (138 troigh) os cionn na mara.
Bhon bhliadhna 1968 tha Stafa aig an National Trust for Scotland. Chan eil duine sam bith a’ fuireach ann an diugh.
Thàinig an t-ainm Stafa bhon fhacal Seann Lochlannais "stafi-oy" agus tha e a’ ciallachadh: "Eilean nan stabhan neo stacan ".[1]
An Uamh Bhinn
Tha Stafa ainmeil air sgàth 's gu bheil mòran àitichean inntinneach ann. Bidh bàtaichean luchd-turais a’ tighinn don eilean fad an t-samhraidh. Am measg mòran uamhan eile 's e "An Uamh Bhinn" (Beurla: Fingal's Cave) an uamh as ainmeile ann an Stafa. Tha e suidhichte aig oirthir an àird a deas an eilein. Tha e 20 meatair a dh’àird agus 75 meatair a dh’fhad.
Anns an 19mh linn bha mòran daoine uaisle a’ tadhail air Stafa. ’Nam measg bha a’ Bhan-rìgh Bhictoria agus an duine aice. Bha William Turner a' cruthachadh cuid de na dealbhan aige anns an eilean fhèin. B’ e sealladh na h-Uaimhe Binn a chur misneachd do Felix Mendelssohn Bartholdy an Overture: "Die Hebriden" (Beurla: Hebrides Overture, opus 26) a sgrìobhadh. Chaidh a chluich a’ chiadh turas aig cuirm ciùil ann an Lunnainn ann an 1832. Anns an turas aige tro Alba anns na 1850an thadhail Theodor Fontane air Stafa cuideachd, chaidh na beachdan aige fhoillseachadh anns an leabhar Jenseit des Tweed.[2]
Iomraidhean
- Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 107, Pàrlamaid na h-Alba
- Aiste a sgrìobh Theodor Fontanes mun turas ann an Stafa Pròiseict Gutenberg (Gearmailtis)
Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 324 356
- Stafa aig National Trust for Scotland
- Fingals Cave (Beurla)