Srath Athainn
'S e baile beag ann an Siorrachd Lannraig a tha ann an Srath Athainn[1] (Beurla: Strathaven). Tha e faisg air Hamalton agus Cille Bhrìghde an Ear. Ann an 2011 bha 7,484 duine a' fuireach ann.[2]
Srath Athainn
| |||||
Sealladh bho chnoc as àirde ann an Srath Athainn | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Alba | ||||
Comhairle | Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas | ||||
Co-chomharran | 55° 40′ 37″ T 4° 3′ 54″ I | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 7,484 (2011) | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.strathaven.org/ |
Ainm a' bhaile
Nochd ainm a' bhaile cuideachd mar Srathabhainn[3] no mar Srath Abhainne[4]. Cha do mhol Iain Mac an Tàilleir ainm Gàidhlig, tha e dìreach a' cumail a-mach is dòcha gun tàinig ainm a' bhaile bho na faclan Gàidhlig "Srath Abhainne" [5].
Daoine Ainmeil
- Seumas Dùbhghlas-Hamalton (1942). Neach-poileataigs.
- Chaochail Harry Lauder an seo ann an 1950, nuair a bha e faisg air 80 bliadhna a dh'aois.
Iomraidhean
- “Strathaven/Srath Athainn”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.
- “Comparative Population Profile: Strathaven Locality”. Scotland's Census Results Online. Air a thogail 6mh dhen Ògmhios 2015.
- Alba aig Roy Pedersen
- Stòr-dàta briathrachais SMO
- Mac an Tàilleir 2003 Ainmean àite, td 108
Ceanglaichean a-muigh
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.