Slighe Costa na Cuimrigh
'S e frith-rathaid astair anns a' Chuimrigh a th' ann an Slighe Costa na Cuimrigh (Cuimris: Llwybr Arfordir Cymru; Beurla: Wales Coast Path) a bhios a' leantainn iomall-fairge na Cuimrigh. Chaidh e fhosgladh 5 an Cèitean 2012. Tha an cas-cheum mu 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid bho Cas-gwent (Beurla: Chepstow) ann an ceann a deas gu Y Fferi Isaf (Beurla: Queensferry) ann an ceann a thuath na Cuimrigh.[1]
Slighe Costa na Cuimrigh | |
Mapa na slighe | |
Fad | 870 mìle (1,400 km) |
Àite | A' Chuimrigh |
Tòiseachadh | Y Fferi Isaf |
Crìochnaich | Cas-gwent |
Cleachdadh | Coiseachd |
Ìre | Furasta |
Ràith | Fad na Bliadhna |
'S i a' Chuimrigh a' chiad dùthaich air feadh an t-saoghail a thog cas-cheum sònraichte air iomall-fairge na dùthcha air fad. Tha an t-slighe a' dol tro aon tèarmann Nàdair Nàiseanta deug is tèarmainn nàdair eile, cuid dhiubh fo chùram Urrasan Fiadh-bheatha no Comann Rìoghail Dìon nan Eun.[2] A rèir Lonely Planet, am foillsichear leabhraichean siubhail as motha air feadh an t-saoghail[3], tha costa na Cuimrigh an t-àite as fheàrr a thaobh: "Best in Travel: top 10 regions for 2012". [4]
Suidheachadh
Chaidh Slighe Costa na Cuimrigh fhosgladh 5 an Cèitean 2012 mar chiad cas-cheum sònraichte air feadh an t-saoghail a ghabhas a steach iomall-fairge na dùthcha air fad.[5][6][7] Tha e a' leantainn iomall-fairge na Cuimrigh bho Cas-gwent san ear-dheas na dùthcha gu Y Fferi Isaf ann an ceann a tuath na dùthcha. Tha e a' ceangal slighean a bha ann roimhe sin mar North Wales Path, Anglesey Coastal Path is Llŷn Coastal Path. 'S e "National Trail" a th' ann am Pembrokeshire Coast Path [8] roinn a chaidh a thaghadh ann an 2011 leis an iris National Geographic mar dàrna àite-cladaich a b' fheàrr san t-saoghal.[9][10]
Tha cas-cheum de 870 mìle (1,400 km) a dh'fhaid a' dol tro roinnean cladaich le cruth-tìre eadar-dhealaichte. Tha e a' gabhail a-steach slighe bho inbhir Afon Dyfrdwy a-nall air costa tuath na Cuimrigh leis na bailtean-puirt aca thairis air Menai Strait gu eilean Ynys Môn, slighe an ann leth-eilean Llŷn, cas-cheum tron Phàirce Nàiseanta ann an Sir Benfro, agus slighean ann an Gower, Cardiff Bay, Caerdydd is Cas-gwent.[11] Tha an frith-rathad air fad freagarrach do luchd-coiseachd. A bharrachd air sin tha cuid phàirtean ann a tha freagarrach do luchd- baidhseagail is marcaichean no slighean rèidh airson teaghlaichean no daoine le gluasad cuingichte.[2]
Chaidh an cas-cheum a stèidheachadh le Countryside Council for Wales (a-nis Natural Resources Wales) ach a-nis tha e fo chùram nan 15 Ùghdarrasan ionadail tron a bhios e a' dol.[12] Bha còig slighean ann mu thràth ann an Sir Benfro, Ynys Môn , Gwynedd, Ceredigion agus air costa a tuath na Cuimrigh a bha nam bun-stèidh don frith-rathad Slighe Costa na Cuimrigh.
Eachdraidh is leasachadh
Chaidh an t-slighe a chruthachadh le Riaghaltas na Cuimrigh còmhla ri Comhairle Cruth-tìre na Cuimrigh, 16 Ùghdarrasan ionadail is dà phàirce nàiseanta. Bho 2007 a-mach chuir Riaghaltas na Cuimrigh gu bhith £2 millean ann an seilbh gus cothrom poblach air costa na dùthcha fhaighinn tron phrògram Coastal Access Improvement Programme. A bharrachd air sin chuir Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach £3.9 millean ris gus taic a thoirt don phròiseact.[13][14]
Tha beachd-smaoin na slighe stèidhichte air an t-soirbheas eaconomach a thàinig às a' Phembrokeshire Coast Path National Trail[15] agus às an Isle of Anglesey Coastal Path[16] Chaidh na planaichean a chur an cèill le Prìomh-mhinistear Rhodri Morgan san Òg-Mhios 2006, nuair a dh'fhosgail e cuairt mu 125-mile timcheall air Ynys Môn gu oifigeil. Bhathar an dùil gum biodh am pròiseact a' toirt còig bliadhna a dh’fhad, ach thug e gu bith sia bliadhna gus an robh an cas-cheum deiseil.[17] Fhuaireadh a-mach gun do chuir na frith-rathaidean ann an Sir Benfro agus Ynys Môn gu mòr ri gnìomhachas turasachd na Cuimrigh. Bhathar den bheachd gu bheil e cudromach cuideachd ri daoine ionadail is luchd-tadhail tlachd fhaighinn ann am blàr a-muigh na Cuimrigh agus buannachd slàinte fhaighinn às aig an aon àm.
Am Fosgladh
Chaidh an frith-rathad astair fhosgladh 5 an Cèitean 2012 ann an iomadh àite air feadh na slighe, àitichean a bha a' sealltainn bòidheachd na dùthcha. Gus an latha seo a chomharrachadh bha Ramblers Cymru, buidhean còraichean-coiseachd a thoirt cuideachadh don "Big Welsh Coastal Walk", aon de na tachartasan poblach a bu mhotha a bh' anns a' Chuimrigh a-riamh.[18]
Chaidh leabhar-iùil oifigeil airson Ynys Môn: Walking the Isle of Anglesey Coastal Path, sgrìobhte le Carl Rogers, fhoillseachadh le Northern Eye Books. Chuir Countryside Council for Wales iarrtas orra leabhraichean-iùil oifigeil airson na pàirtean eile a chruthachadh is fhoillseachadh cuideachd. [19] Tha leabhraichean bho fhoillsichearan eile mun Ceredigion Coast Path agus Pembrokeshire Coast Path ann mu thràth.
'S e timcheall air 2.8 millean an àireamh thuairmsichte de dhaoine a bha a' coiseachd air pàirt den t-slighe anns a' chiad bhliadhna agus mar sin chuir iad £16 millean ri eaconamaidh na Cuimrigh.[20] A rèir coltais dh'fhuirich barrachd na 800,000 luchd-tadhail airson oidhche ann an taigh-òsta no taigh leabaidh is bracaist a tha suidhichte faisg air an frith-rathad.[20]
Frith-rathad astair timcheall a' Chuimrigh
Tha na 870 mìle (1,400 km) de Shlighe Costa na Cuimrigh ceangailte ris an Offa's Dyke Path National Trail.[21] Tha an cas-cheum seo a' leantainn crìoch eadar Sasainn is a' Chuimrigh agus mar sin tha frith-rathad astair de 1,030 mìle (1,660 km) a dh'fhaid ann a leanas gu bith timcheall air a' Chuimrigh gu lèir.
Pàirtean den fhrith-rathad (bho thuath gu deas) | slighe air mapa |
---|---|
North Wales Coast & Dee Estuary - a ghabhas a-steach North Wales Path, chaidh fhosgladh ann an 1997.[22] | |
Ynys Môn - a ghabhas a-steach Slighe Cladach Ynys Môn (Beurla: Anglesey Coastal Path), chaidh fhosgladh ann an 2006.[23] | |
Menai, Llŷn & Meirionnydd - a ghabhas a-steach Llŷn Coastal Path, chaidh fosgladh ann an 2006[24] agus chaidh a leasachadh gus an còrr de Gwynedd a cheangail ris.[25] | |
Ceredigion - Ceredigion Coast Path a chaidh fhosgladh ann an 2008.[26] | |
Sir Benfro - Slighe Costa Sir Benfro (Beurla: Pembrokeshire Coast Path) a chaidh fhosgladh ann an 1970.[27] | |
Sir Gaerfyrddin - a ghabhas a-steach Millennium Coastal Park, faisg air Llanelli[28] agus Pembrey Country Park. Eadar an Dàmhair 2011 is an t-Sultain 2012 bha 19,537 duine a' coiseachd air an Wales Coast Path ann an Sir Gaerfyrddin.[29] | |
Gower & Swansea Bay - a ghabhas a-steach Gower and Swansea Bay Coast Path. Chaidh e fhosgladh ann an 2012.[30] | |
South Wales Coast & Severn Estuary - a ghabhas a-steach South Wales Coast and Severn Estuary Coastal Path. Chaidh fhosgladh ann an 2012.[31] |
Connspaidean
Tha an Open Spaces Society a' càineadh gu bheil cuid uachdaranan ann nach leig cothrom don luchd-coiseachd dol tairis air an fhearann aca. Tha sin a' ciallachadh gum feumar coiseachd barrachd na 20% den t-slighe air rathaidean. Air an làimh eile thuirt tè-labhairt Countryside Council for Wales: “Just over 20% of the WCP is on road, slightly less than the average for national trails in Britain, which is in the region of 25%. This is mainly on quiet, country lanes.”[32]
Dealbhan
|
Iomraidhean
- BBC News Wales - All-Wales coast path nears completion. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
- www.firstnature.com - wales Coast Path A' tarraing air 29 an Cèitean 2014
- Fildes, Nic (2 October 2007). "BBC gives Lonely Planet guides a home in first major acquisition". The Independent. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014. "Lonely Planet has grown into the world's largest travel guide publisher"
- Lonely Planet - Lonely Planet’s Best in Travel: top 10 regions for 2012. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
- “Wales Coast Path officially opens with events in Cardiff, Aberystwyth and Flint”. Ann an: BBC News, 5mh dhen Chèitean 2012. Air a thogail 30mh an Cèitean 2014. “The world's first coastal path to cover an entire country has been officially opened in Wales.”
- “Wales Coast Path set for a boost as entrepreneurs get to work”. Ordnance Survey. Air a thogail 30mh an Cèitean 2014. “The recently opened Wales Coast Path is the first coastal network in the world to cover an entire country.”
- The Guardian, Wales coastal path offers a walk on the wild – and industrial – side, 4.5.2012. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
- Pembrokeshire Coast Path National Trail. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
- www.NationalTrails.co.uk - news article. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
- “Pembrokeshire Coast Path walks off with accolade of being one of world's top trails”, Wales Online. 10mh dhen Lùnasdal 2011. Air a thogail 29mh an Cèitean 2014.
- BBC News Wales - Wales Coast Path nears completion. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- Countryside Council for Wales: Wales Coast Path A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- Welsh Government website - Coastal Access. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- The Long-Distance Walkers Association - Wales Coast Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- National trails: Pembrokeshire Coast Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- Anglesey Coastal Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- BBC Website - All-Wales coastal path proposed. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- Big Welsh Coastal Walk A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- Quadrant Media, Official guide books to document Wales Coast Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- “WCP celebrates anniversary”. Walescoastpath.gov.uk. Air a thogail 30mh dhen Chèitean 2014.
- Offa's Dyke Path National Trail
- North Wales Path, publ. Conwy County Borough Council, 1997
- www.anglesey-today.com/coastal-path.html A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- www.snowdonia-active.com A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- www.walescoastpath.info A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- ceredigioncoastpath.org.uk aA' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- National Trails: Pembrokeshire Coast A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- Wales Coast Path - The Carmarthenshire bit!, DiscoverCarmarthenshire.com, A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- The Economic Impact of Wales Coast Path Visitor Spending on Wales 2012, report for the Welsh Economy Research Unit of the Welsh Government, page 6; 1.11.2013
- walesonline.co.uk Single Path around Gower Coastline 1.10.2011, A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- www.visitwyevalley.com A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
- WalesOnLine.co.uk - Wales’ new coast path still makes walkers tread more than 170 miles of roads. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014