Slatina

'S e baile mòr eadar Craiova agus Târgoviște, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann an Slatina (IPA: ˈslatina, Bulgàiris: Слатина). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Olt, aig 155m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Olt. Tha 70,293 duine a' fuireach ann.[1] 'S e taighean-gnìomhachais almain a th' ann bun-stèidh eaconomaidh a' bhaile.

Slatina
Слатина
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Olt
Co-chomharran 44° 25 47' Tuath
24° 21 51' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 53.93 km²
Àireamh-shluaigh 70,293 (2011)
Dlùths 1,303.41/km²
Àireamh fòn +40 02 49
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Eachdraidh

'S ann às na faclan zlata (Gàidhlig: òr) air neo slat (Gàidhlig: salann) ann an Slabhais 's a tha ainm a' bhaile. Chaidh Slatina a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1368. Bhuinneadh e do Țara Românească gu ruige 1859. B' ann ann an s a' bhaile seo far an robh blàr cudromach ann an 1522 anns an do rinn Radu de la Afumați, tighearna Țara Românească, a' chùis air na Otomanaich.[2] Chuir Arm Romàinia, fo stiùir Constantin Prezan agus Ion Antonescu, ruaig air na Gearmailtich an seo eadar 23 an t-Samhain agus 27 an t-Samhain 1916.[3] Rinn feachdan na Gearmailt Nàsaich sgrios air a' bhaile aig deireadh an Dàrna Cogaidh ann an 1944 agus loisg iad a h-uile càil.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Institutul Național de Statistică
  2. Giurescu C. agus & Giurescu D, Istoria Românilor vII (1352-1606). Editura Științifică și Enciclopedică, Bucharest, 1976.
  3. Barrett, Michael B., Prelude to Blitzkrieg: The 1916 Austro-German Campaign in Romania. Indiana University Press, Bloomington, 2013, ISBN 9780253008701.
  4. Sprenger, S., agus Mitroi, A., Bibliographie Ionesco, Editura Universității din București, Bucharest, 2009.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.