Sirte

‘S e baile mòr agus port ann an cridhe Libia a th’ ann an Sirte (Arabais: سرت, Greugais: Σύρτις). ‘S ann às a’ Ghreugais Surtis (àite creagach gainmheil th’ann an t-ainm is tha am baile dìreach ri taobh A’ Chamais Sirta.[1] Tha e suidhichte ri taobh na mara aig 39m os cionn ìre na mara,[2] anns an sgìre is an roinn leis an aon ainm. Tha e 342km air falbh bho Bhengazi, 193km bho Mhisrata agus 372km bho Tripoli, (prìomh-bhaile na dùthcha)[3]

Sirte/سرت
Suidheachadh
Dùthaich Libia
Ceàrn Sirte
Sgìre Tripolitania
Co-chomharran 31° 12 19' Tuath
16° 35 20' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 75,358 (2006)
Àireamh fòn + 218 51

Chaidh Sirte a stèidheachadh ann an 1842 leis na Turcaich, ged an robh an daingneach Phoenecianach Macomedes-Euphranta faisg air làimh o shean.[4] Tha 75,358 duine a’ fuireach anns an àite, an còigeamh baile as motha na dùthcha[5] agus Tha oilthigh làidir[6] anns a’ bhaile. Chaidh mòran aonaidhean is còrdaidhean a dheànamh ann an Sirte fad na Deachdaireachd, bho 1969 gu 2011.[7]

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. Dictionnaire des noms de lieux – Louis Deroy et Marianne Mulon (Le Robert, 1994) (ISBN 285036195X)
  2. Mongabay
  3. Global Feed Distance Calculator
  4. Wallace, Jonathan; Wilkinson, Bill. Doing business with Libya, p. 197. Kogan Page Publishers, 2004. ISBN 9780749439927
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Al Tahadi University
  7. Zelaya
  8. Oujda City
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.