Sir Robert Robinson
B' e ceimigear à Sasainn a bha anns an Ridire Robert Robinson (Chesterfield, 13 an t-Sultain 1886-Great Missenden, 8 an Gearran 1975).
Sir Robert Robinson | |||
---|---|---|---|
1945 - 1950 ← Henry Hallett Dale (en) - Edgar Douglas Adrian (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Rufford (en) agus Chesterfield (en) , 13 dhen t-Sultain 1886 | ||
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) | ||
Bàs | Great Missenden (en) , 8 dhen Ghearran 1975 | ||
Àite-adhlacaidh | Cladh Kensal Green | ||
Teaghlach | |||
Cèile |
Gertrude Maud Robinson (en) (1912 - 1954) Stearn Sylvia Hillstrom (en) (1957 - | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Mhanchester 1910) Doctor of Science (en) Fulneck School (en) Brookfield Community School (en) | ||
Àrd-fhoghlam | ceum dotaireachd | ||
Stiùiriche an teusais | William Henry Perkin (en) | ||
Oileanaich dotaireachd |
Richard Helmuth Frederick Manske (en) John Warcup Cornforth Arthur Birch (en) Lord Alexander R. Todd Rita Harradence (en) Lindsay Heathcote Briggs (en) | ||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | ceimigear, neach-teagaisg oilthigh, beanntair, chess player (en) , neach togail dhealbhan agus neach-ciùil | ||
Fastaichean |
University of Sydney School of Chemistry (en) (1912 - 1915) Oilthigh Liverpool (1915 - 1920) Oilthigh Chill Rìmhinn (1921 - 1922) Oilthigh Mhanchester (1922 - 1928) Oilthigh Lunnainn (1928 - 1930) Oilthigh Oxford (1930 - 1955) Colaiste Magdalen (1955 - | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Acadamh Fhrangach nan Saidheansan Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Manchester Literary and Philosophical Society (en) |
Chaidh e dhan Oilthigh Mhanchester ann an 1902 is thòisich e a theusais fo W. H. Perkin, Jr ann an 1905. Chaidh e na Sgoilear an Taisbeanadh 1851 ann an 1907 is leas-òraidiche ann an 1909. Chruthaich Oilthigh Shydney ann an Astràilia cathair ùr anns a' cheimigeachd ann an 1912 is ghabh Robinson e nuair nach robh e ach 26 bliadhna a dh'aois. Rannsaich e olaichean eucalyptus an siud. Thill e a Shasainn ann an 1915 nuair a chaidh e na àrd-ollamh aig Oilthigh Liverpool. Aig àm a' Chogaidh Mhòir dh'obraich e còmhla ri British Dyes Ltd, is dh'imrich e dhan Oilthigh Huddersfield far an robh e na Stiùiriche Rannsachaidh, dhan Oilthigh Chill Rìmhinn ann an 1920 is thill e a Mhanchester ann an 1922. An dèidh do ghreis aig Colaiste Oilthigh Lunnainn eadar 1928 is 1930, dh'imrich e dhan Oilthigh Oxford agus chaidh e na àrd-ollamh Waynflete an dèidh Perkin a bhàsaich ann an 1929. Rannsaich e teòiridh na ceimigeachd fhàs-bheairteach an siud is dh'obraich e air phenicillin aig àm an Dàrna Chogaidh. An dèidh do chogadh stèidhich e an t-iris Tetrahedron an deach fhoillseachadh le Pergamon Press aig Robert Maxwell. Leig e a dhreuchd dheth sna 1950an ach sgrìobh e fèin-eachdraidh is leabhar-ionnsachaidh mu cheimigeachd fhàs-bheairteach còmhla ri E. D. Morgan a chaidh fhoillseachadh an dèidh a bhàis ann an 1975.[1]
Urraman
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1947.[2] Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1939 agus 1941.[3]
Iomraidhean
- Todd, Alexander Robertus ⁊ Cornforth, John Warcup (1d dhen t-Samhain 1976): “Robert Robinson, 13 September 1886 - 8 February 1975,” ann an: Biogr. Mem. Fellows R. Soc., leabhar 22, td. 415–527. doi:10.1098/rsbm.1976.0018.
- “The Nobel Prize in Chemistry 1947”. Nobel Media AB. Air a thogail 8mh dhen Ghearran 2019.
- Moore, Tom Sidney ⁊ Philip, James Charles (1941): The Chemical Society 1841-1941: a Historical Review. Lunnainn: Comann Ceimigeach.