Siorrachd Lannraig

'S e fear den Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Siorrachd Lannraig le Lannraig mar prìomh-bhaile. Chaidh i sgaoileadh ann an 1975 nuair a chaidh i na pàirt de Roinn Srath Chluaidh.

Siorrachd Lannraig ann an Alba

Bad nam Manach

Ann an 1162 thoir Maol Chaluim IV na h-Alba am fearann far a bheil an t-Àrd Ruigh agus Coatbridge an latha an-diugh gu manaich Chisteirsich à Abaid a' Bhatail Nuaidh. Seo as coireach a tha "Bad nam Manach" air. Stèidhich iad tuathanasan is muilleanan agus bha iad na chiad dhaoine a chladhaich gual às an talamh. Chaidh an oighreachdan a sgaoileadh aig àm an Ath-Leasachaidh.[1]

Gàidhlig

Sgrìobh Tormod E. Dòmhnallach sreath de dh'aistean mu Gàidheil ann an Siorramachd Lannraig ann an Gairm.[2][3][4][5]

Chuireadh Comann Ghaidheil Lannraig air bonn ron dàrna chogadh le Gàidheil ann an Siorrachd Lannraig a bhiodh a' cruinneachadh ann an Hamilton. Chaidh e à bith ri linn a' chogaidh.[6] As dèidh a' chogaidh, chuireadh comainn air leth ann an Hamilton, Lannraig agus Tobar na Màthar.[6] B' e Sandy Wilson (Anndra Alasdair MacUilleim) a' chiad cheannard air a' chomainn ann an Hamilton. Bha e na cheannard fad deich bliadhna fichead.[6]

Iomraidhean

  1. The Origin of the Monklands”. CultureNL. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2023.
  2. Dòmhnallach, Tormod E. (2000–1): Gaidheil ann an Siorramachd Lannraig (Màiri NicDhùghaill) (1),” ann an: Gairm, àir. 193, td. 69–73.
  3. Dòmhnallach, Tormod E. (2001): “Gaidheil ann an Siorramachd Lannraig (Eàrdsaidh MacCaluim agus Seònaid NicGilleasbaig) (2),” ann an: Gairm, àir. 194, td. 157–162.
  4. Dòmhnallach, Tormod E. (2001): “Gaidheil ann an Siorramachd Lannraig (Murchadh Moireasdan) (3),” ann an: Gairm, àir. 195, td. 208–212.
  5. Dòmhnallach, Tormod E. (2001): “Gaidheil ann an Siorramachd Lannraig (Chrissie Caldwell) (4),” ann an: Gairm, àir. 196, td. 346–351.
  6. Dòmhnallach, Tormod E. (2001–2): “Gaidheil ann an Siorramachd Lannraig (Anndra Alasdair MacUilleim) (5),” ann an: Gairm, àir. 197, td. 55.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.