Sgrìobhadair

'S e duine a tha cleachdadh faclan sgrìobhte airson conaltraidh agus ealaine a tha ann an sgrìobhadair.

Somhairle MacGill-Eain, sgrìobhadair

Seòrsaichean

Tha mòran sgrìobhadairean a' buntainn do dh'iomadh seòrsa.

  • Tha bàird, m.e. Meg Bateman no Màiri Mhòr nan Òran a' sgrìobhadh bàrdachd. Gu h-eachdraidheil bha iad cuideachd nan sgrìobhaichean-òran
  • Tha nobhailichean, mar eisimpleir Walter Scott no Alasdair Gray, a' sgrìobhadh nobhailean.
  • Tha sgrìn-sgrìobhaichean a' sgrìobhadh sgriobtaichean airson nam film no na telebhisein.
  • Tha fèin-bheatha-eachdraiche‏‎ mar Dòmhnall Meek a' sgrìobhadh beatha-aisneisean.
  • Tha sgrìobhaichean-dràma, m.e. Liz Lochhead neo Alasdair Caimbeul a' sgrìobhadh dealbh-chluiche.
  • Tha eadar-theangairean a' toirt teacsaichean ann an aon cànan agus gan ath-sgrìobhadh ann an cànan eile. Dh'eadar-theangaich Walter Scott, mar eisimpleir, teacsaichean o Ghearmailtis do Bheurla. Tha Rody Gorman a' dèan eadar-theangaichean glè chruthachail.
  • Tha aistearan, m.e. Michel de Montaigne no William Hazlitt, a' sgrìobhadh aistean.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.