Sgoil MhicNeacail
'S e àrd-sgoil ann an Steornabhagh a tha ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Tha e a' libhrigeadh foghlam àrd-sgoile eadar AS1 agus AS6 do Leòdhas.
'S e facal-suaicheantais na sgoile Sequamur, a' ciallachadh 'Leanamaid'.
Tha ceithir roinnean, no 'taighean' ann dha na sgoilearan: Addison, Foirbeis, Gibson, MacRath agus Sutharlan. Chaidh an ainmeachadh air seann cheannardan na sgoile.
Eachdraidh na Sgoile
Chuireadh air bhonn i le airgead bho Alasdair Moireasdan MacNeacail. B' e innleadair a bh' ann aig an robh gnìomhachas ann an Shanghai a' togail long. Nuair a chaochail e, dh'fhàg e airgead na thiomnadh ag ràdh gun robh e "an dòchas gun dèan mi feum air chor-eigin do chloinn mo sheann eòlaich."[1] 'S e a rinn a bhràithrean sgoil ùr a thogail ann an Steòrnabhagh.
Chaidh an Sgoil fhosgladh air 27 Gearran 1873. Bha 105 sgoilear innte.[1]
Gu ruige sin, bha ceithir sgoiltean eile anns a' bhaile: dhà le Sir Seumas MacMhathain, tè le Eaglais na h-Alba agus tè leis an Eaglais Shaoir.[1]
Ceannardan na Sgoile[1]
- Iain Sutharlan
- Iain Foirbeis
- Uilleam Gibson C.B.E.(bho 1894 gu 1925)
- Iain MacRath (bho 1926 gu 1944)
- C.J.S. Addison
Iomraidhean
- Urchardan, Alasdair. 'Sgoil mhic Neacail an Steòrnabhagh' ann an Gairm 16, An Samhradh 1956, dd.305-7.
- Urchardan, Alasdair. 'Sgoil mhic Neacail an Steòrnabhagh' ann an Gairm 16, An Samhradh 1956, d.305