Sgùrr a' Chaorachain
'S e beinn ann am Frìth Achadh na Seileach air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr a' Chaorachain. Tha e 1,053 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Achadh na Seileach agus Loch Monar mu 6km bhon rathad ann an Gleann Carrann. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air pailteas dhearcan Caorainn anns an àite[1]. Gus a' bheinn seo a shreap, bithear mar as trice a' dèanamh pàirt den t-slighe tron ghleann air an rothair. Mar as trice bithear a' streap na beinne bho thaobh an iar, agus ga cheangal le Sgùrr Choinnich[2].
Sgùrr a' Chaorachain | |
---|---|
![]() Sgùrr a' Chaorachain | |
Àirde (m) | 1,053 |
Àirde (tr) | 3,454 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
![]() ![]() Sgùrr a' Chaorachain (Alba) | |
Suidheachadh | Achadh na Seileach |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 Explorer 429 |
Comharradh-clèithe | NH08764472 |
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Bidean a' Choire Sheasgaich, Lurg Mhòr, Srath Carann, Loch Carrann agus Toirbheartan.
Iomraidhean
- Drummond, Peter, 1991, Scottish Hill and Mountain Names, d. 175
- Sgùrr Choinnich agus Sgùrr a' Chaorachain air Walkhighlands
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.