Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn
B' e Rìgh na h-Alba bho 24 an Iuchar 1567 gu 27 Mairt 1625 agus Rìgh Sasainn bho 24 am Màrt 1603 a bha ann an Seumas VI Alba agus I Shasainn. Rugadh e 19 an t-Ògmhios 1566 ann an Caisteal Dhùn Èideann, Alba, a' chiad-gin mic dha mhàthair, a' Bhan-rìgh Màiri.
Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
19 dhen Ògmhios 1566 - 8 dhen Ghearran 1587 (Julian)
8 dhen Ghearran 1587 (Julian) - 27 dhen Mhàrt 1625 ← Màiri I, Bànrigh na h-Alba - Teàrlach I →
24 dhen Mhàrt 1603 (Julian) - 27 dhen Mhàrt 1625 ← Ban-rìgh Ealasaid I - Teàrlach I →
24 dhen Mhàrt 1603 (Julian) - 27 dhen Mhàrt 1625 ← Ban-rìgh Ealasaid I - Teàrlach I → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Caisteal Dhùn Èideann agus Dùn Èideann, 19 dhen Ògmhios 1566 | ||||||||
Dùthaich |
Rìoghachd na h-Alba Rìoghachd Shasainn Kingdom of Ireland | ||||||||
Àite-fuirich | Caisteal Sruighlea | ||||||||
Ciad chànan | A' Bheurla Ghallta | ||||||||
Bàs | Theobalds House (en) , 27 dhen Mhàrt 1625 (Julian) | ||||||||
Àite-adhlacaidh | Abaid Westminster | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (dysentery (en) ) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley | ||||||||
Màthair | Màiri I, Bànrigh na h-Alba | ||||||||
Cèile | Anna na Danmhairg (23 dhen t-Samhain 1589 - 2 dhen Mhàrt 1619) | ||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam | tutor (en) | ||||||||
Cànain |
A' Bheurla Ghallta Beurla | ||||||||
Luchd-teagaisg |
Seòras Bochanan Peter Young (en) Adam Erskine (en) David Erskine, Commendator of Dryburgh (en) | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | bàrd, sgrìobhadair, monarc agus uas-fhlath | ||||||||
Àitichean-obrach | Dùn Èideann agus Lunnainn | ||||||||
Obraichean comharraichte |
Daemonologie (en) The True Law of Free Monarchies (en) Basilikon Doron (en) Some Reulis and Cautelis to be observit and eschewit in Scottis poesie (en) De jure regni apud Scotos (en) | ||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh |
Anglachas Eaglais na h-Alba | ||||||||
Fhuair e seilbh air crùn Alba, mas fhìor, is gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a rinneadh cùl-mhutaireachd le cuid de dh'àrd-uaislean Alba agus chaidh a mhàthair a chuir an greim leotha (aig a cheann thall, chaidh a toirt seachad dha na Sasannaich).
Na òige, bha làn chumhachd aig iomadach tànaistear a ghabh stiùir na dùthcha. Ach aig aois 17, chuir Seumas roimhe gun rìoghaicheadh e fhèin, agus fhuair e cuidhteas na tànaistearan.
B'e Seumas VI a' chiad rìgh a-riamh a shuidh air rìgh-chathair Alba agus Sasainn còmhla; shealbhaich e crùn Shasainn ann an 1603 nuair a chaochail a' bhànrigh Ealasaid I, co-ogha a mhàthar, gun sliochd. 'S e Aonadh nan Crùintean a chanar ri seo. Nuair a shealbhaich e an coron Sasannach, dh'fhàg e Alba is cha do thill. Bha e cuideachd na Rìgh Èireann.
Fhuair Seumas oideachadh math na òige, agus bha e fhèin na sgoilear ainmichte. Fo làimh-riaghaidh, lean na "làithean geal" dhen litreachas Beurla, comharraichte le ùghdaran mar William Shakespeare, John Donne is Francis Bacon. Chaidh am frith-ainm "an t-amadan as glice a th' anns a' Chrìosdaidheachd" a bhuileachadh air.
Fo riaghladh, chaidh a' chiad thuineachadh Sasannach ann an Ameireaga a Tuath a stèidheachadh - "Baile Sheumais" no Jamestown (1607).
Nuair a shiubhail e, shealbhaich a mhac a bu shine a mhair beò, Teàrlach, oir bha a chiad-ghin mic, am Prionnsa Eanraig, air caochladh gun e ach aois ochd-deug.[1]
Aistean co-cheangailte
- Rìghrean na h-Alba
- Rìghrean Shasainn
- Rìghrean na h-Èireann
Iomraidhean
- “Seumas VI agus I - Aonadh nan Crùn gu Aonadh nam Pàrlamaid”. Eachdraidh na h-Alba. e-Stòras. Air a thogail 27mh dhen Mhàrt 2019.